Tha àm ri teachd didseatach nam meadhanan Gàidhlig aig cridhe fòcas MG ALBA agus iad a’ foillseachadh an Aithisg Bhliadhnail aca an-diugh.
Tha an sealladh bliadhnail air obair MG ALBA agus na roinne san fharsaingeachd a’ nochdadh luachadh an àrd bho luchd-amhairc agus bliadhna far an deach duaisean a chosnadh airson susbaint BBC ALBA, a thuilleadh air raon de ghnìomhan is iomairtean a tha a’ toirt taic do roinn nam meadhanan Gàidhlig.
Ach, chan eil na meadhanan Gàidhlig saor bho na dùbhlain a tha taobh a-staigh roinn nam meadhanan san fharsaingeachd, le luchd-amhairc loidhneach a’ dol sìos, agus buaidh na h-atmhorachd craolaidh àrd a’ phrìomh stiùir airson atharrachadh. Tha fàs adhartach ann an seallaidhean susbaint goirid thar ùrlaran a’ comharrachadh gu bheil feum air àite na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte ann an raon nam meadhanan didseatach, mar a thuirt an Cathraiche Iain Moireasdan:
“Chan eil mi air mo mhealladh mu na tha romhainn. Tha na meadhanan a’ dol tro àm de dh’atharrachadh luath air a stiùireadh leis a’ chruth-atharrachadh dhidseatach, agus chan eil MG ALBA eadar-dhealaichte. Tha na dòighean anns a bheil luchd-amhairc a’ cleachdadh susbaint an ìre mhath tur eadar-dhealaichte bho mar a bha iad o chionn còig bliadhna air ais. Feumaidh sinn an luchd-amhairc a leantainn.”
Feumaidh na meadhanan Gàidhlig dèiligeadh ris na h-atharrachaidhean sa mhargaidh ach tha iad air am bacadh gu mòr le modal maoineachaidh a tha Iain Moireasdan ag ràdh “nach eil ag obair”. Tha seo gu sònraichte dùbhlanach an taca ri solaraichean meadhanan mion-chànain eile aig a bheil seasmhachd maoineachaidh ri linn aithne reachdail mar a mhìnich an t-Àrd-Oifigear Dòmhnall Caimbeul:
“Aig àm an uair a tha mairsinneachd nam meadhanan Gàidhlig an geall, tha mi pròiseil innse nach robh sùim anns an t-susbaint againn sna meadhanan Gàidhlig a-riamh cho mòr. Ach feumaidh mi cuideachd ur n-aire a tharraing chun an àrd ìre de dhùbhlan a tha romhainn – aig àm nuair a tha farpais làidir a’ dol agus cudroman mòra a thaobh atmhorachd – ann a bhith a’ leantainn air adhart a’ lìbhrigeadh seirbheis a tha an urra ri maoineachaidhean bliadhnail agus mì-chinnteach agus aig nach eil, mar a tha aig na seirbheisean sa Chuimris agus Gaeilge, dìon reachdail sam bith.”
Tha MG ALBA a’ leantainn air adhart a’ conaltradh le Riaghaltas na RA, Riaghaltas na h-Alba agus am BBC gus an rèiteachadh airson nam meadhanan Gàidhlig a leasachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach coinneamh o chionn ghoirid, air a chumail le Roinn a’ Chultair, nam Meadhanan & Spòrs, gus beachdachadh air co-òrdanachadh maoineachaidh do na meadhanan Gàidhlig.
Faodar Aithisg Bhliadhnail MG ALBA 2022/23 a leughadh an seo.