Tha BBC ALBA a’ foillseachadh clàr foghair làn de phrògraman ùra an-diugh (22 Sultain) le sgeulachdan làidir a’ nochdadh seallaidhean ùra à Alba agus nas fharsaing.
Bidh farsaingeachd de phrògraman aithriseach inntinneach, prògraman ciùil sgoinneil agus spòrs seachdaineil, a’ toirt seallaidhean dhuinn air beatha agus ùidhean ann an Alba an là an-diugh.
Bidh Trusadh, sreath aithriseachd BBC ALBA a’ tilleadh le sùil air geamannan bhidio ann an Trusadh: Gaming – An Ath Ìre. Tha MJ Deans aig a bheil ùidh mhòr ann a bhith a’ cluich gheamannan a’ toirt sùil air consoilean bho na 70an suas chun an là an-diugh. Tha i cuideachd a’ fuasgladh na bha agus na tha Alba air a chuir ris a’ ghnìomhachas buadhmhor seo.
Tha sgeulachdan pearsanta inntinneach aig cridhe mòran de phrògraman aithriseach BBC ALBA.
Fàilte gu Alba / Welcome to Scotland – tha Glaschu aithnichte mar bhaile a tha a’ cur fàilte bhlàth air fògarraich agus luchd-siridh comraich. Tro bhith an sàs ann an diofar phròiseactan-ciùil, tha an seinneadair Mischa Nic a’ Phearsain a’ faighinn eòlas air cuid den fheadhainn a tha air an dachaigh a dhèanamh ann an Glaschu agus a’ cluinntinn mar a tha ceòl air a bhith na thaic dhaibh.
Bidh Eòrpa a’ tilleadh chun chlàr san Dàmhair. Anns a’ chiad phrògram de shreath ùr, tha an sgioba a’ coimhead air suidheachadh fògarraich Ucràinianach ann an Alba agus ann am Moldova.
Nas fhaisge air an dachaigh, ann an St Cuthbert’s Way tha Iagan MacNèill a’ leantainn cheumannan St Cuthbert, a’ dol thairis air a’ chrìch eadar Alba agus Sasainn.
Bidh sreathan cuideachd a’ nochdadh ann an clàr BBC ALBA as t-fhoghar, le ceàird is dealbhadh, cuairtean tron a’ bhlàr a-muigh agus còcaireachd.
Ann an Dàna | Scotland’s Wild Side bidh Coinneach MacFhraing a’ lorg toil-inntinn, tric ceangailte air ròp ri aghaidh creag chorrach air neo a’ strì tro bhoglach is ceò air an t-slighe gu bàrr beinne.
Tha Fillte a’ gabhail turas tro Alba a’ sireadh eachdraidh agus sgeulachdan an là an-diugh co-cheangailte ris an luchd-ciùird a tha a’ snìomh ’s ag obrachadh diofar stuthan aodaich.
Agus, sa chidsin, bidh Gregor MacLeòid a’ toirt fiathachadh dhuinn tilleadh còmhla ris ann an Fuine is e trang a’ bèiceireachd rudan blasta. Tadhlaidh e air bèicearan eile nan dachannan feuch dè tha a’ bruich acasan.
Tha ceòl aig cridhe clàr BBC ALBA agus chi luchd-amhairc ceòl air leth bho Niteworks. Bheir prògram aithriseach seachad sgeulachd a’ chòmhlain agus iad ag obair leis an riochdaire Andrea Gobbi gus an clàr ùr aca a thoirt gu buil. Chithear cuideachd an còmhlan a’ co-obrachadh le sàr luchd-ciùil clasaigeach Orcastra Simphinidh a’ BhBC (BBC SSO) ann an Alba.
Am measg prògraman sònraichte eile bho Fhèis Celtic Connections tha Capercaillie agus Sian, le Capercaillie cuideachd a’ cluich còmhla ri BBC SSO.
Bheir BBC ALBA thugaibh cuideachd Na Worlds, am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus iar-chuairtean deireannach duaisean BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year, leis a’ chuairt dheireannach ga chraoladh tràth ann an 2023.
Tha craoladh spòrs BBC ALBA a’ dol a-steach don t-seusan ùr le craoladh beò cunbhalach air an SWPL, geamannan dearbhaidh Cupa na Cruinne aig sgioba nàiseanta nam ban agus craolaidhean bho Phrìomh Lìg na h-Alba.
Air 6 Dàmhair, bidh an geama eadar boireannaich na h-Alba is sgioba na h-Ostair ann an iomairt dearbhaidh Cupa na Cruinne air a chraoladh beò.
Ann an Women’s Sport 360, gach seachdain tha Iona Ballantyne a’ coinneachadh ri na boireannaich iongantach a th’ aig cridhe saoghal spòrs agus a’ taisbeanadh nan sgeulachdan brosnachail aca.
Tha dà shreath ùr làn spòrs airson an luchd-amhairc as òige: Pròiseact Plòigh agus Triùir aig Trì.
Ann am Pròiseact Plòigh, tha saidheans agus plòigh a’ dol an lùib a chèile, fo stiùir an t-Oll Olive & Dr Moiteil. Tha òigridh bho air feadh na dùthcha a’ cur dùbhlan mu choinneamh na h-eòlaichean gus diofar chuspairean a mhìneachadh.
Ann an sreath drama ùr, Triùir aig Trì, chi sinn saoghal taigh-òsta, Àireamh a Trì, far am bi na peathraichean Della is Lou a’ cur fàilte air an caraid ùr Marco.
A’ meòrachadh air clàr an fhoghair, thuirt Ceannard Craoladh Gàidhlig, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn air leth toilichte farsaingeachd iongantach de phrògraman ùra a thaisbeanadh tro chlàr BBC ALBA as t-fhoghar.
“Bho phrògraman aithriseach gu dràma chloinne, ceòl, spòrs is cur-seachadan, tha BBC ALBA a’ tabhann seallaidhean ùra à Alba agus nas fharsaing.
“Tha rudeigin ann airson a h-uile duine agus tha sinn an dòchas gun urrainn dha daoine a thighinn nar cuideachd thairis air na mìosan a tha romhainn.”
Chithear na prògraman air fad ann an clàr didseatach foghair BBC ALBA agus chithear iad air BBC iPlayer ann an Alba agus air feadh na RA.