Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire

30 Dùbhlachd 2019

Bidh sinn air bhioran air Oidhche Challainn is sinn a’ cuir fàilte mhòr air a’ chòmhlan Peat & Diesel is aoidhean sònraichte eile aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA, beò à Tobar na Màthar.

’S ann à Steòrnabhagh a tha an còmhlan a choisinn cliù airson an cuid chiùil air feadh na Gàidhealtachd am-bliadhna, bliadhna shoirbheachail le fiùs cosnadh an duais airson cluich beò aig Duaisean Ceòl Thraidiseanta Albannach MG ALBA 2019.

Chan eil tiocaid air fhàgail son a’ chuirm mhòr aca ‘sna Barrowlands ann an Glaschu san Fhaoilleach, agus tha iad air innse gun till iad don àite chliùiteach son an dàrna cuirm-chiùil, a thuilleadh air cuairt air feadh Bhreatainn agus Èirinn ann an 2020. ’S gann gun gabh a chreidsinn le na balaich a bha nas cleachdte a bhi cluich ann an cidsinean, sabhail agus taighean-seinnse ‘s na h-eileanan.

Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air a chraoladh beò o Thalla Thobar na Màthar ann an Siorrachd Lannraig, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach a’ cur fàilte oirnn uile.

’S ann o fhreumh Gàidhlig a thàinig ainm a’ bhaile. ’S e seann tobar a bh’ ann an Tobar na Màthar agus tha ceangal làidir fhathast eadar Siorrachd Lannraig agus a’ Ghàidhlig far a bheil foghlam Gàidhlig o sgoil-àraich gu ruige àrd-sgoil ri fhaotainn, agus bu mhinig a choisinn Còisir Gàidhlig Comar nan Allt duaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Air Oidhche Challainn bidh beartas de sheinneadairean is luchd-ciùil Gàidhlig mar chompanaich do ar luchd-coimhid air BBC ALBA is luchd-èisteachd air BBC Radio nan Gaidheal tro na mionaidean mu dheireadh de 2019 agus a-steach do 2020.

Bidh an còmhlan Mànran, aig am bi 10mh ceann-bliadhna ann an 2020, a’ gabhail pàirt, le Kim Carnie, an seinneadair ùr aca, a’ nochdadh cuide riutha airson a’ chiad uair air TBh.

Chithear cuideachd an Glenfinnan Ceilidh Band, Maighread Stiùbhart agus Coisir Alba a sheinn aig farpais Eurovision nas tràithe air a’ bhliadhna, fo stiùir chinntich Joy Dunlop.

’S iad Cathy agus Niall Iain a bhios os cionn na cuirme, dithis air a bheil sinn eòlach bhon cuid obair craolaidh. Bidh Cathy a’ cur fàilt’ is furan air an t-sluagh gu prògraman a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus gu a prògraman fhèin air rèidio. Bha Niall Iain agus BhBC ALBA aig fèis TRNSMT na bliadhna-sa, agus aig fèis Belladrum fo bhratach BBC ALBA agus BBC Scotland – air an dà seanail air an aon oidhche!

Thuirt Niall Iain: “Tha sinn a’ toirt fiughair ris, glainne a thogail agus fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùir ann an cuideachd luchd-coimhid BBC ALBA agus luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal. Bheir sinn a’ Bhliadhn’ Ùr a-steach gu sunndach.”

“’S fìor thoil leamsa is le Cathy a bhith ann an teis-mheadhan a’ ghnothaich, agus ’s gann gun cuimhnich sinn gur e seo obair agus chan e gu bheil sinn dìreach ann a dhannsa còmhla ri càch.”

“’S i sàr-oidhche a bhios againn ann an Tobar na Màthar, agus tha sinn air bhioran gus an tòisich e.

“Feuch gun cuir sibh air an cèilidh aig an taigh agus gun tog sibh glainne còmhla rinn nuair a dh’fhàgas sin soraidh aig an t-seann bhliadhna agus a ghuidheas sinn slàinte air a’ Bhliadhn’ Ùir.”

Tha Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal bho 11.30f air Oidhche Challainn, agus cuideachd air iPlayer a’ BhBC agus air feadh na cruinne-cè air bbc.co.uk/alba