
‘’S TRUAGH NACH DO DH’FHUIRICH MI TIORAM AIR TÌR…’
A’ nochdadh air BBC iPlayer agus YouTube ro Oidhche Shamhna, tha Loch nam Madadh / Wolf Bay na shreath uabhais ghoirid a bheir clisgeadh àsad, mu thuras aiseig a tha a’ dol uabhasach ceàrr.
Air a chruthachadh agus air a sgrìobhadh le Claire Aza-Selinger, le Maureen NicLeòid mar cho-sgrìobhadair, tha na sia prògraman tarraingeach, deich mionaidean a dh’fhaid, a’ leantainn Aonghais (Andrew MacInnes, An t-Eilean), a tha a’ tilleadh gu Uibhist a Tuath air èiginn airson tiodhlacadh a sheanair. Tha e an dòchas tilleadh gu sàmhach, ach mar a thachras, ’s ann a tha e glaiste air aiseag còmhla ri a sheann leannan, Màiri (Ellen NicDhòmhnaill, Bannan), a leannan ùr, Cailean (Alasdair Jordan, na chiad phàirt air an sgrìn), agus a màthair chruaidh, Mairead (Elspeth Turner, An t-Eilean).
Dìreach nuair a tha Aonghas den bheachd nach urrainn cùisean fàs dad na bu mhiosa, tha e a’ tighinn tarsainn air rudeigin oillteil sa chafaidh – agus chan e am mac ’n’ cheese a th’ ann…
Mar a sheòlas am bàta tro uisgeachan chunnartach Loch nam Madadh, feumaidh Aonghas aghaidh a thoirt an dà chuid air na deamhain aige fhèin agus air an olc dhìomhair a tha air bòrd. Am mair e tron oidhche? An sàbhail e an luchd-siubhail? Agus an rèitich e cùisean le Màiri?
Is e Loch nam Madadh / Wolf Bay a’ chiad dràma Ghàidhlig a-riamh a chaidh a chruthachadh gu sònraichte do dhaoine eadar 18 is 34 bliadhna a dh’aois a bhios a’ coimhead susbaint air na h-innealan aca. Tha na prògraman goirid, deich mionaidean a dh’fhaid, a’ gluasad aig astar a chuireas eagal do bheatha ort – le clisgeadhannan glic, àbhachdas tioram, agus sgeulachd gaoil a bheir blàths air a’ chridhe as fhuaire.
Bidh lùths, misneachd agus sealladh dàna aig teis-meadhan an dràma ùr seo bho BBC ALBA agus BBC Scotland. Mar a sheinnear – ‘s truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr’…
Thuirt Natalie Humphreys, Àrd-Riochdaire aig Storyboard Studios: “Nuair a thòisich sinn air seo a leasachadh an toiseach, bha fios againn gun robh rudeigin air leth sònraichte agus eadar-dhealaichte againn. Bha sinn an uairsin air leth fortanach gun tàinig sgioba chleasaichean agus luchd-obrach cho tàlantach air bòrd. Tha a h-uile duine, air beulaibh agus air cùl a’ chamara, air an cridhe agus an anam a chur ris a’ phròiseact, agus tha sinn air bhioran a bhith ga shealltainn do luchd-amhairc.”
Thuirt Uilleam MacLèoid, Deasaiche Coimiseanaidh aig MG ALBA: “Seo aon de na beachdan as èibhinn agus as sònraichte a thàinig thugam a-riamh – sreath air leth ghlic a tha a’ measgachadh aoir sheòlta le blàths agus seun. Seo sreath uabhais a shluigeas tu slàn!
Thuirt Gavin Smith, Deasaiche Coimiseanaidh aig BBC Scotland: “Tha sinn air leth toilichte a bhith air tighinn còmhla ri BBC ALBA airson an turas fhiadhaich seo, air bòrd aiseig ann an èiginn. Tha Claire agus Maureen air sreath iongantach de phrògraman goirid a sgrìobhadh a tha a cheart cho èibhinn ’s a tha iad eagallach. Tha Wolf Bay mar phàirt de ro-innleachd BBC Scotland gus barrachd susbaint ‘digital-first’ a chruthachadh, agus tha sinn cinnteach gu bheil an luchd-amhairc deiseil airson beagan uabhais!”
Thuirt Kieran Hannigan, Ceannard Dràma Sgriobhte aig Sgrìn Alba: “Tha e mìorbhaileach gun deach againn air taic a thoirt do Loch nam Madadh, dràma Ghàidhlig dàna, ‘digital-first’, a tha ag amas air luchd-amhairc òga inbheach. Tha an t-sreath a’ measgachadh comadaidh, uabhas agus romansa, agus a’ toirt guth ùr, sònraichte chun na sgrìn. Tha i a’ seasamh gu pròiseil ri taobh phròiseactan soirbheachail eile leithid An t-Eilean, agus a’ riochdachadh dealas leantainneach Sgrìn Alba a thaobh leasachadh dràma Ghàidhlig.”
Tha Loch nam Madadh / Wolf Bay air a riochdachadh le Storyboard Studios airson MG ALBA, BBC Scotland agus Sgrìn Alba.
Chaidh an t-sreath a chruthachadh agus a sgrìobhadh le Claire Aza-Selinger, le Maureen NicLeòid mar cho-sgrìobhadair, an dithis aca le chèile às na h-Eileanan an Iar. ’S e Alasdair MacGhillEathain an stiùiriche, le Parker Dawes còmhla ris mar stiùiriche fo sgàil. ’S i Natalie Humphreys an t-àrd-riochdaire, Lauren Lamarr na h-àrd-riochdaire comhairleachaidh, Misha McCullagh na riochdaire, Penny Davies agus Kevin Walker nan co-riochdairean, agus Keir Greatorex na dheasaiche. ’S e Uilleam MacLèoid Deasaiche Coimiseanaidh MG ALBA, Gavin Smith Deasaiche Coimiseanaidh BBC Scotland, agus Bella Barber-Flemming Àrd-Riochdaire Sgrìn Alba.
Bidh Loch nam Madadh / Wolf Bay ri fhaighinn air BBC iPlayer agus air seanail YouTube BBC ALBA bho Dhihaoine 23 Dàmhair.