Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Tha Bòrd MG ALBA a’ foillseachadh Lèirsinn àrd-amasach airson nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd

19 Dàmhair 2026

Tha Bòrd MG ALBA air Lèirsinn 2030 fhoillseachadh – an lèirsinn ùr aca airson nam meadhanan Gàidhlig – le luchd-amais aig cridhe miann gus ruigsinneachd agus buaidh susbaint Ghàidhlig a chur am meud.

Cuiridh MG ALBA Lèirsinn 2030 air bhog do luchd-ùidh agus co-obraichean sa ghnìomhachas aig tachartas feasgair aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu Diardaoin 15 Dàmhair. Bidh an cruinneachadh na chothrom dhaibh na h-amasan aca airson nam meadhanan Gàidhlig a thaisbeanadh aig prìomh àm comharrachaidh airson cànan is cultar na Gàidhlig.

Tha lèirsinn a’ Bhùird a’ freagairt air atharrachaidhean ann an cleachdaidhean luchd-amais agus cruth-tìre nam meadhanan, a tha a’ sìor leasachadh, agus tha i a’ mìneachadh mar as urrainn do na meadhanan Gàidhlig a bhith nas fhollaisiche, nas àrd-amasaiche, agus nas misneachail a thaobh teicneòlas didseatach. Bha luchd-amais aig cridhe a’ phròiseas leasachaidh agus bidh iad fhathast aig teis-meadhan chùisean fhad ’s a bhios MG ALBA a’ cur Lèirsinn 2030 an gnìomh.

Ro 2030, ’s e àrd-mhiann MG ALBA gum bi na meadhanan Gàidhlig às bith càite am bi an luchd-amais, fighte a-steach do bheatha chultarail làitheil agus a’ ruighinn dhaoine ge bith càite agus ciamar a roghnaicheas iad a bhith an sàs san t-susbaint. A’ toirt taic don chànan, don chultar agus do choimhearsnachdan na Gàidhlig, tha Lèirsinn 2030 a’ suidheachadh slighe airson ùr-ghnàthachadh agus fàs anns na bliadhnaichean ri teachd.

Thuirt Cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan: “Tha am Bòrd againn air lèirsinn àrd-amasach a shuidheachadh airson nam meadhanan Gàidhlig, le luchd-amais aig a cridhe. Thug na feumalachdan aca agus an cuid cleachdaidhean, a tha a’ sìor atharrachadh, cumadh air Lèirsinn 2030, agus leanaidh iad sin ann a bhith ga cur an gnìomh.

“Tha ùrlaran didseatach a’ tabhann chothroman mìorbhaileach gus barrachd dhaoine a ruighinn agus an cur an aithne susbaint Ghàidhlig. Tha an soirbheachadh a chunnaic sinn a thaobh susbaint dhidseatach, ùrlaran ionnsachaidh, spòrs beò agus prògraman a choisinn duaisean a’ sealltainn na h-ùidh a tha ann. Ma gheibh sinn na goireasan agus a’ chinnt fhad-ùine a tha a dhìth gus togail air an t-soirbheachadh sin, is urrainn dhuinn an luchd-amais againn a mheudachadh agus cothroman ùra fhosgladh do na meadhanan Gàidhlig.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “’S e cànan beò a tha a’ sìor atharrachadh a th’ anns a’ Ghàidhlig. Tha Lèirsinn 2030 a’ mìneachadh mar as urrainn dhuinn cothroman ùra a chruthachadh gus an soirbhich cànan is cultar na Gàidhlig ann am beatha phoblach an latha an-diugh.

“Bidh an luchd-amais againn gar stiùireadh a thaobh mar a chuireas sinn an lèirsinn an gnìomh. Le bhith a’ toirt taic do luchd-cruthachaidh, a’ gabhail ri ùrlaran ùra agus a’ ruighinn luchd-amais nas fharsainge, is urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gun lean seanchas na Gàidhlig, ann am buntanas, ruigsinneachd agus buaidh.”

Tha Lèirsinn 2030 stèidhichte air trì prìomhachasan ro-innleachdail:

· A’ ruigsinn a-mach – a’ fàs luchd-amais nam meadhanan Gàidhlig

· A’ dèanamh fuaim – a’ brosnachadh cruthachalachd Ghàidhlig agus a’ neartachadh misneachd chultarail

· A’ cur fàilte air an àm ri teachd – a’ dèanamh cinnteach gum bi MG ALBA an-còmhnaidh ùr-ghnàthach, sùbailte agus uidheamaichte airson freagairt air atharrachaidhean ann an àrainneachd nam meadhanan.

Tha an cur air bhog seo a’ tachairt aig àm cudromach airson craoladh Gàidhlig, leis gu bheil ùrachadh Cairt a’ BhBC air fàire ann an 2027. Tha MG ALBA den bheachd gu bheil am pròiseas na fhìor dheagh chothrom gus craoladh Gàidhlig a neartachadh, a’ tabhann barrachd cinnt a thaobh maoineachadh agus follaiseachd do mheadhanan nam mion-chànanan.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul cuideachd: “Tha an dleastanas againn a’ dol nas fhaide na craoladh a-mhàin. Tha sinn a’ toirt taic do chànan, do chultar, do chruthachalachd agus do dh’ionnsachadh, agus cumaidh sinn oirnn ag ùr-ghnàthachadh gus an urrainn don luchd-amais a dhol an sàs ann an susbaint Ghàidhlig ann an dòighean a tha freagarrach dhaibh.”

Faodar Lèirsinn 2030 a leughadh gu lèir aig https://mgalba.com/Lèirsinn