Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Prìomh chùmhnantan riochdachaidh fad-ùine

31 Màrt 2017

MG ALBA A’ CUR SEILBH SNA GNÌOMHACHASAN CRUTHACHAIL LE PRÌOMH CHÙMHNANTAN RIOCHDACHAIDH FAD-ÙINE

Dh’fhoillsich MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, an-diugh prìomh chùmhnantan riochdachaidh a lìbhrigeas raoin farsaing de phrògraman airson na seanail airson nan ceithir bliadhna air thoiseach.

Lìbhrigidh seachd companaidh riochdachaidh susbaint airson na seanail, leithid dibhearsain, ceòl, prògraman chloinne, prògraman aithriseach agus spòrs.

Tha na cùmhnantan air a dhol gu companaidhean suidhichte air feadh Alba, ann an Steòrnabhagh, Obair Dheathain agus Glaschu – seilbheach cudromach a bharrachd ann an gnìomhachasan cruthachail na h-Alba.

Chaidh cinn-aonta trì bliadhna air riochdachadh spòrs a ruighinn le Nemeton Scotland Ltd, companaidh ùr a chaidh a stèidheachadh le Nemeton TV, companaidh riochdachaidh Èireannach air a bheil meas mòr. Tha Nemeton TV air a bhith a’ lìbhrigeadh spòrs chun a’ chraoladair Èireannach TG4 bho 1996, a thuilleadh air RTÉ, TV3 agus Setanta Sports. A thuilleadh air riochdachadh spòrs, bidh Nemeton TV cuideachd a’ riochdachadh prògraman fìrinneach ann an Èirinn, nam measg prògraman aithriseach, slàinte agus prògraman dibhearsain. Bidh an fho-chompanaidh aige a’ fastadh dhaoine a bha a-cheana ag obair aig a’ chompanaidh a bha a’ lìbhrigeadh phrògraman spòrs ajr BBC ALBA, mneTV.

Tha aontaidhean cuideachd air an ruighinn ann am prionnsabal le na companaidhean a leanas:

  • • Bees Nees Media (prògraman fìrinneach/ciùil/dibhearsain aotroim)
  • • MACtv (prògraman fìrinneach)
  • • Caledonia (prògraman fìrinneach/dibhearsain fìrinneach)
  • • Midas (dibhearsain fìrinneach)
  • • Obh Obh (prògraman chloinne)
  • • Solus (prògraman chloinne)

Tha modail-obrach ceithir bliadhna nan companaidh seo ga dhèanamh comasach solarachadh tèarainteachd a thoirt don t-seanail, fhad ’s aig an aon àm a’ cruthachadh bun-stèidh sheasmhach airson fàs nan companaidh, a’ gabhail a-steach a bhith a’ co-riochdachadh le dùthchannan eile agus a’ reic nam prògraman gu h-eadar-nàiseanta.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha na co-dhùnaidhean seo a’ cur an cèill bunaitean airson leasachadh BBC ALBA san àm ri teachd. Tha ar co-dhùnadh a bhith ag obair le Nemeton Scotland Ltd a’ tairgse cothrom a bhith a’ cruthachadh co-bhanntachd brosnaichte, ùr eadar-nàiseanta. Feumaidh prògraman BBC ALBA a bhith aig àrd ìre a thaobh sònrachais agus tha an càirdeas-obrach ùr seo airson spòrs a’ cruthachadh tòrr chothroman agus a’ cruthachadh an tuilleadh co-obrachadh le Èirinn.

“Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ neartachadh ar dàimhean-obrach le na gnìomhachasan cruthachail agus bidh seo air leth cudromach fhad ’s a tha sinn a’ feuchainn ris an tuilleadh ghoireasan a dhìon a cheadaicheas dhuinn an tuilleadh phrògraman ùra a riochdachadh airson na seanail, rud a tha riatanach airson soirbheas san àm ri teachd.”

Thuirt John Swinney, Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, aig a bheil dleastanas airson Gàidhlig fon chùram-roinne aige airson Foghlaim: “‘Tha an dòigh sa bheil MG ALBA ag obair le roinn riochdachaidh Tbh neo-eisimeileach na h-Alba a’ còrdadh rium gu mòr agus tha e sònraichte math fàilte a chuir air seachd cùmhnantan ùra le companaidhean Albannach.

“Ni na h-aontaidhean seo cinnteach, chan e a-mhàin gum bi prògraman aig àrd ìre air BBC ALBA, ach gum bi buannachdan eaconamach agus obrach ann airson gnìomhachasan cruthachail na h-Alba, craoladh agus Gàidhlig.

“Tha mi airson MG ALBA a mholadh airson nan dòighean-obrach ionmholta aca, meal a naidheachd a chuir air na companaidhean neo-eisimeileach a ghlèidh na cùmhnantan agus a’ coimhead air adhart ri soirbheas leantainneach BBC ALBA”.

Thuirt Irial Mac Murchú, Ceannard Nemeton TV: “Tha sinn cho toilichte gun do ghlèidh sinn an cùmhnant seo. Tha a bhith a’ riochdachadh spòrs airson BBC ALBA ann an Alba na chothrom ris a bheil sinn a’ coimhead air adhart gu mòr. Tha an càirdeas ùr seo a’ neartachadh tòrr de na meuran cruthachail a tha eadar Èireann agus Alba – cànan, spòrs agus telebhisean. Ged is e cùmhnant eadar-nàiseanta a th’ ann tha e a’ faireachdainn gu mhath ionadail a bhith a’ co-obrachadh le ar com-pàirtichean Ceilteach. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair le MG ALBA agus BBC ALBA ann a bhith a’ leasachadh nan cothroman a th’ air thoiseach”.