Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA a’ cruthachadh cothroman dreuchdail ùra do dhaoine òga anns na h-Eileanan an Iar

19 Dàmhair 2026

Tha MG ALBA a’ seilbheachd anns an ath ghinealach de dhaoine tàlantach anns na h-Eileanan an Iar le bhith a’ fastadh ceathrar luchd-trèanaidh ùra a leasaicheas an cuid dreuchdan aig prìomh oifis na buidhne ann an Steòrnabhagh thar an ath dà bhliadhna.

Gheibh an luchd-obrach ùr eòlas practaigeach agus trèanadh ann an grunn roinnean, a’ leasachadh sgilean sònraichte ann an tasglannan mheadhanan didseatach, clàradh-ama agus co-òrdanachadh mheadhanan, ionmhas, teicneòlas craolaidh agus IT.

Tha am fastadh seo na phàirt de ghealltanas MG ALBA a thaobh cothroman trèanaidh is cosnaidh brìghmhor a chruthachadh anns na h-Eileanan an Iar, a’ leigeil le daoine sgilean sònraichte a leasachadh agus dreuchdan a thogail ann an saoghal nam meadhanan Gàidhlig fhad ’s a tha iad a’ fuireach anns na h-eileanan no a’ tilleadh thuca.

Thuirt Donna NicDhòmhnaill, Neach-trèanaidh Tasglannan Mheadhanan Didseatach: “Tha mi cho taingeil gun d’ fhuair mi an cothrom seo airson trèanadh sònraichte fhaighinn ann an cuspair air a bheil mi air leth dèidheil. Tha e na thoileachas mòr cothrom fhaighinn air na sgilean agam a leasachadh fhad ’s a tha mi ag obair le tasglann fhilmichean luachmhor MG ALBA, a tha cho cudromach a thaobh eachdraidh.”

Thuirt Lena NicChoinnich, Neach-trèanaidh Clàradh-ama is Co-òrdanachadh Mheadhanan: “Tha an trèanadh air grunn chothroman eadar-dhealaichte a thoirt dhomh mu thràth. Tha mi ag ionnsachadh mu shaoghal nam meadhanan far a bheil cùisean a’ gluasad gu luath, agus aig an aon àm a’ cosnadh tuarastal agus a’ leasachadh mo sgilean, a’ gabhail a-steach mo chuid Ghàidhlig. Tha mi air leth thaingeil an cothrom seo fhaighinn.”

Thuirt Calum MacLeòid, Neach-trèanaidh Ionmhais: “Bha mi air mo dhòigh an cothrom fhaighinn a bhith ag obair aig MG ALBA, gu h-àraidh ann an roinn an ionmhais, oir sin raon far an robh mi dha-rìribh ag iarraidh a bhith ag obair. Tha e cuideachd na chothrom mo Ghàidhlig a leasachadh ann an suidheachadh proifeiseanta. Tha a h-uile duine air a bhith coibhneil agus cuideachail, agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris an àm agam an seo.”

Thuirt Seamus Calum Moireach Macleòid, Neach-trèanaidh Craolaidh is IT: “An dèidh grunn bhliadhnaichean ann an Glaschu agus Sasainn ag ionnsachadh agus ag obair, bha miann làidir agam tilleadh dhachaigh a dh’eilean mo shinnsearan far an do chuir mi seachad m’ òige agus na bliadhnaichean a thug uiread de bhuaidh orm. Ged a dh’fhaodadh e a bhith a’ coimhead mar gun robh mi a’ cur cùl ris an adhartas a rinn mi air tìr-mòr, bha toiseach tòiseachaidh ùr air mo bheatha agus mo dhreuchd an seo fada nas luachmhoire dhomh mar eileanach.

“Tha am preantasachd le MG ALBA a’ leigeil leam sgilean ùra a leasachadh, cur ris na meadhanan Gàidhlig, agus ceangal a-rithist ris a’ chànan agus ris an àite a bha a-riamh nam pàirt dhiom. Bha a’ Ghàidhlig nam bheatha o thùs, ach tha faighinn air ais gu fileantachd na dhùbhlan pearsanta cuideachd; dùbhlan a tha fìor chudromach dhomh. ’S e cothrom air leth a th’ ann ionnsachadh agus obair ann an àrainneachd far a bheil luach ga chur air a’ chànan, agus tha mi taingeil gu bheil an cothrom seo ann.”

Thuirt Lorna NicAmhlaigh, Stiùiriche Dhaoine, Chompàirteachasan agus Leasachadh aig MG ALBA:

“Tha sinn air ar dòigh fàilte a chur air Donna, Lena, Calum agus Seamus gu MG ALBA. Tha e air leth cudromach dhuinn cothroman a chruthachadh do dhaoine a bhith ag ionnsachadh is a’ leasachadh, agus dreuchdan seasmhach a thogail an seo anns na h-Eileanan an Iar.

“Bheir na preantasachdan seo eòlas luachmhor dhaibh uile ann am prìomh raointean na buidhne, agus aig an aon àm cuidichidh iad sinne gus na sgilean agus an tàlant a leasachadh a bheir taic do mheadhanan Gàidhlig san àm ri teachd.

“Tha sinn airson gum faic daoine gu bheil cothroman airson dreuchdan inntinneach agus sgileil rim faighinn an seo anns na h-eileanan, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri taic a thoirt dhan cheathrar luchd-trèanaidh thairis air an dà bhliadhna a tha romhainn.”

Tha an ceathrar luchd-trèanaidh stèidhichte aig prìomh oifis MG ALBA ann an Steòrnabhagh, ag obair còmhla ri sgiobaidhean air feadh na buidhne fhad ’s a tha iad a’ dèanamh trèanadh agus teisteanasan leasachadh proifeiseanta.