SpeakGaelic
Tha SpeakGaelic na iomairt ionnsachaidh, ùr, farsaing agus ioma-fhillte air ainmeachadh, a’ tabhann mheadhan cho iomlan ’s a th’ air a bhith ann fad ginealach airson Gàidhlig ionnsachadh.
Tha SpeakGaelic a’ tabhann cruth-atharrachadh cho chudromach ’s a th’ air a bhith ann airson cha mhòr deich air fhichead bliadhna, a thaobh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig, agus thèid aire luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt a tha nan inbhich a ghlacadh leis.
Goireasan A1 ri fhaotainn a-nise – faic tuilleadh an seo
Mu dheidhinn SpeakGaelic
’S e amas SpeakGaelic cruth-atharrachadh a thoirt air cleachdadh agus togail na Gàidhlig le bhith a’ toirt seachad structar soilleir, coileanta agus aonaichte airson ionnsachadh na Gàidhlig.
Bidh cothrom aig luchd-cleachdaidh SpeakGaelic a chleachdadh ann an trì diofar dhòighean, is iad uile ag obair le cheile, ach cuideachd gabhaidh an cleachdadh fa leth:
uile air an taiceachadh le meadhanan sòisealta SpeakGaelic.
A bharrachd air a bhith a’ toirt taic do dh’fhìor luchd-tòiseachaidh, bheir na goireasan seo taic do luchd-labhairt Gàidhlig aig iomadh diofar ìrean misneachd a thogail airson Gàidhlig a bhruidhinn.
Bidh curraicealam SpeakGaelic stèidhichte air toraidhean ionnsachaidh CEFRL (Frèam Iomraidh Eòrpach airson Cànanan), far a bheil gach neach-labhairt a’ freagairt air aon de shia diofar ìrean (A1, A2, B1, B2, C1, C2).
Gabhaidh SpeakGaelic a-steach ìrean A1, A2, B1, agus B2. Leanaidh ullachadh airson luchd-cleachdaidh comasach na Gàidhlig, aig ìrean C1 agus C2, tro na seanalan a th ’ann mu-thràth.
Bidh 13 leasanan aig gach ìre, le dà chlas anns gach leasan, le sreath de 13 prògram meadhanan leth-uair a thìde. Bidh na builean ionnsachaidh airson gach aon de na modalan sin mar bhunait air gach eileamaid de SpeakGaelic ann an dòigh chunbhalach.
Mu dheidhinn SpeakGaelic
Chaidh bun-bheachd SpeakGaelic a chur air adhart le com-pàirtichean LearnGaelic; MG ALBA, am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le tuilleadh maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
’S e Sabhal Mòr Ostaig com-pàirtiche acadaimigeach SpeakGaelic agus ’s iad a tha a’ cruthachadh susbaint a’ chùrsa.
’S e BBC Multiplatform Production (Gàidhlig) a tha a’ riochdachadh na susbaint lèir-chlaisneach agus cuid den t-susbaint ghoirid airson nam meadhanan sòisealta agus airson an làrach-lìn. Bidh an t-susbaint seo ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC, seanail TBh BBC ALBA agus YouTube BBC ALBA. ’S e Radio nan Gàidheal a bhios a’ cruthachadh an stuth-claisneachd.
SpeakGaelic x Skye Live Terms and Conditions
Skye Live Ticket Giveaway Terms and Conditions
For the purposes of these Terms and Conditions:
Terms and Conditions: