Ire F, tuarastal £70,000 (cothrom co-rèiteachaidh airson tagraiche sònraichte)
(Pasgan tuarastail a tha a rèir eòlas agus a rèir dùilean tuarastail stiùiriche buidheann poblach, a’ gabhail a-steach solar peinnsein, ballrachd gym & taic ath-ghluasaid)
Làn-thìde (37 uairean gach seachdain), cùmhnant maireannach, stèidhichte ann an oifis Steòrnabhaigh, ag obair gu sùbailte
An Dreuchd
An urrainn dhut sgioba ionmhais a stiùireadh, a’ togail dhàimhean air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh aig am bi toraidhean?
Agus a bheil thu air chomas daoine eile a mhisneachadh aig àm atharrachaidh agus cothroman coimeirsealta a thoirt air aghaidh a choileanas amasan ro-innleachdail? Ma tha, bu mhath leinn cluinntinn bhuat.
Tha sinn a’ coimhead ri bruidhinn ri daoine aig a bheil làn-theisteanas mar chunntasairean clàraichte, le beagan eòlas riaghlaidh coimeirsealta is gnìomhach. Is i a’ Ghàidhlig cànan obrach MG ALBA agus mar sin tha sinn, aig an ìre as lugha, a’ lorg neach-ionnsachaidh le dealas a thaobh a bhith ag ionnsachadh ach ’s e ar miann gum biodh an neach soirbheachail fileanta sa chànan an dà chuid a thaobh sgrìobhadh agus labhairt.
Tha an dreuchd seo a’ toirt cothrom inntinneach do neach-proifeasanta gnothachais le cùl-fhiosrachadh ionmhasail is gnìomhachail a bhith mar phàirt den Sgioba Àrd-stiùiridh againn a tha a’ stiùireadh MG ALBA tro ùine de dh’atharrachadh a tha a’ tachairt aig ìre luath ann an roinn nam meadhanan. Bidh an tagraiche soirbheachail ag obair gu dlùth leis an Àrd-Oifigear, an Sgioba Àrd-stiùiridh agus an Cathraiche agus am Bòrd.
Cò sinn?
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Cànan Graphics Studio, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig agus Bòrd na Ceiltis (Alba).
Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.
Càite a bheil sinn?
Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu, agus bidh an dreuchd stèidhichte ann an Steòrnabhagh.
Nithean inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA:
• Air ar n-ainmeachadh air liosta Broadcast Best Places to Work in TV airson 5 bliadhna an dèidh a chèile
• Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
• Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
• Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon sùim ris
• Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym agus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
• Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am Paca-iarrtais-obrach.
Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt mion-fhiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a chuir a-steach ro 12f Diardaoin 24 Ògmhios 2021 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.
Ma tha thu ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, aig hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.
Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Dhiluain 28 Ògmhios 2021.
Thèid agallamhan an cumail Diluain 5 Iuchar 2021 tro Microsoft Teams.