Cothroman obrach

English / Beurla

Riochdaire Didseatach (YouTube)

23 Màrt 2022

Cùl-fhiosrachadh

Tha na meadhanan Gàidhlig, coltach ri gach meadhan eile, a’ dol tro atharrachadh brìgheil. Tha seo an dà chuid dùbhlanach agus brosnachail.

Is e deagh chothrom a tha seo do phroifeasantach a tha eòlach air margaidheachd didseatach a thighinn còmhla ris an sgioba aig MG ALBA ann an dreuchd Riochdaire Didseatach (YouTube). Bithibh mothachail gur e cùmhnant ùine stèidhichte a tha seo a thaobh còmhdach fòrladh màthaireil. Stèidhichte taobh a-staigh Sgioba an Aonaid Dhidseataich againn, cuiridh an neach gu mòr ri toradh didseatach BBC ALBA, tro shruth-obrach comharraichte, ag obair còmhla ri Leas-Choimiseanair (Didseatach), Oifigear Meadhanan Didseatach, Riochdairean Didseatach agus co-obraichean eile gus làthaireachd BBC ALBA air YouTube a stiùireadh. Faodaidh an dreuchd seo a bhith air obrachadh gu sùbailte co-shìnte ri ar cleachdaidhean a thaobh obrachadh èasgaidh.

Daoine

Bidh na prìomh feartan a leanas aig an tagraiche freagarrach againn:

• Deònach a bhith mar phàirt de sgioba thrang agus làn spionnadh
• Sàr-sgilean eadar-phearsanta agus conaltraidh
• A bhith brosnaichte agus fèin-thòiseachaidh
• Sgilean buaidh agus anailiseach làidir
• Sàr thuigse air YouTube mar sheanail didseatach gus leigeil le leasachadh agus cumail suas làthaireachd làidir meadhanan didseatach airson luchd-cleachdaidh YouTube BBC ALBA
• Deònach a bhith a’ gealltainn ri ionnsachadh san obair, le taic bho leasachadh proifeasanta agus teisteanasan taobh a-muigh

An dreuchd

Bidh an Riochdaire Didseatach (YouTube) cunntachail don Leas-Choimiseanair (Didseatach). Am measg prìomh eileamaidean na dreuchd tha:

• A’ cruthachadh agus a’ foillseachadh susbaint air seanail YouTube BBC ALBA
• A’ co-òrdanachadh agus a’ cur an sàs sruth-obrach riochdachaidh airson YouTube
• A’ planadh air adhart agus clàradh susbaint YouTube
• A’ rèiteachadh cheadan/chòraichean airson susbaint còmhla ris an sgioba Gnìomhachais
• A’ cur air dòigh agus a’ riochdachadh nithean gu ìre crìochnaichte airson a sgaoileadh air YouTube
• A’ co-obrachadh le luchd-deasachaidh/sgioba obrachaidh gus nithean crìochnaichte a thoirt gu buil
• A’ dèanamh cinnteach gu bheil ‘editorial compliance’ ann airson na susbaint gu lèir an cuide ris an Leas-Choimiseanair (Didseatach) agus an Deasaiche Seirbheis
• A’ gabhail pàirt ann an coinneamhan sgioba gach seachdain
• Lèirmheas mìosail air mion-sgrùdaidhean ùrlaran agus iad sin an aithris don sgioba
• Solarachadh còmhdach saor-làithean taobh a-staigh na sgioba
• Eòlas air a h-uile seanail mheadhanan sòisealta

GEÀRR-IOMRADH AIR TEIRMEAN IS CUMHAICHEAN NA H-OBRACH

Cùmhnant
12 Mìosan – Fòrladh Màthaireil

Ìre
Ìre C1

Tuarastal
£26,795-£30, 848 gach bliadhna

Fòrladh bliadhnail
25 là + 12 saor-làithean poblach

Peinnsean
Sgeama Peinnsein Tabhartas Sònraichte, cuiridh MG ALBA 10% den tuarastal bliadhnail, a’ dol suas gu 15% ma chuireas an neach-obrach tabhartas de 5% ris

Bàs ann an Seirbheis
4 x Tuarastal Bliadhnail

Sochairean Eile
Gus dòigh beatha fhallain a bhrosnachadh thathas a’ tairgse ballrachd gym. Tha dòighean-obrach math teaghlaich agus sùbailte againn agus thathas a’ tairgse sgeama rothaireachd.

Sgeama Pàigheadh Tinneis

Seirbheis suas gu dà bhliadhna Làn-pàigheadh 1-mhìos agus leth-pàigheadh 1 mhìos, ann an aon bhliadhna
An-dèidh seirbheis 2 bhliadhna Làn-pàigheadh 2-mhìos/leth-pàigheadh 2 mhìos, ann an aon bhliadhna
An dèidh seirbheis 3 gu 4 bliadhna Làn-pàigheadh 3-mìosan/leth-pàigheadh 3 mìosan, ann an aon bhliadhna
An-dèidh seirbheis 5 bliadhna Làn-pàigheadh 4-mìosan/leth-pàigheadh 4 mìosan, ann an aon bhliadhna

Ionnsachadh & Leasachadh

Tha e riatanach gum bi plana Ionnsachaidh agus Leasachaidh aig gach neach-obrach a ni comasach dhaibh fàs nas èifeachdaich nan obair agus na h-amasan bliadhnail obrach aca a choileanadh. Thathas a’ brosnachadh teisteanasan proifeasanta.

Gàidhlig

Is e a ’Ghàidhlig cànan obrach MG ALBA. Feumaidh an dreuchd seo ìre làidir de chomas sa chànan. Thèid taic a thoirt do gach tagraiche a tha airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air a’ cheangal aca ris a’ Ghàidhlig.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Airson còmhradh neo-fhoirmeil mu pìos sam bith den obair, cuiribh fios gu hr@mgalba.com agus thèid àm freagarrach a chur air dòigh airson còmhradh.

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca-iarrtais-obrach.

Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt mion-fhiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air a bhith a’ cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.

Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 12f Dihaoine 8 Giblean 2022 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.

Ma tha thu ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, aig hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.

Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Diluain 11 Giblean 2022.

Thèid agallamhan an cumail Diluain 25 Giblean 2022 tro Teams.