Cothroman obrach

English / Beurla

Preasantair & Riochdaire Didseatach

20 Dùbhlachd 2022

Preasantair & Riochdaire Didseatach 

12 mìosan, 37 uairean san t-seachdain 

Grade C2 – £30,197 

 Tha cothrom-obrach tarraingeach aig MG ALBA airson Preasantair & Riochdaire Didseatach – cuideigin le sàr ùidh nar cànain agus airson nam meadhanan sòisealta. 

Bidh sibh mar ghuth na seanail, a’ sgrìobhadh sgriobtaichean agus a’ clàradh ghuthan airson nan ceanglaichean eadar nam prògraman, a’ togail agus a’ cur ri ìomhaigh na seanail.  Bidh sibh cuideachd an sàs ann a bhith a’ cruthachadh susbaint airson ùrlaran ioma-mheadhanach BBC ALBA.  

 Tha Gàidhlig aig cridhe ar sgioba agus ’s i cànan obrach na buidhne agus mar sin tha sinn a’ lorg neach a tha misneachail agus comasach sa Ghàidhlig, an dà chuid comasan labhairt agus sgrìobhaidh.   

Bidh an neach a bhios san dreuchd ag obair mar phàirt den Aonad Dhidseatach fad 12 mìosan thairis air fòrladh màthaireil agus faodaidh an neach a bhith stèidhichte ann an Steòrnabhagh no Glaschu.   

Pròiseas 

 Ma tha sibh airson a bhith nur pàirt den sgioba chruthachail againn, cuiribh ur dealbh-obrach gu claire.macleod@mgalba.com far am faigh sibh an tuilleadh fiosrachaidh mun obair.  Feumaidh tagraidhean foirmeil sam bith a bhith a-staigh ro 12f, Diardaoin 12 Faoilleach 2023.    

Cò sinn? 

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC.  Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Astar Media, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic agus SpeakGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Bòrd na Ceiltis (Alba). 

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Operational Plan 2022/23. 

Càite bheil sinn? 

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu, agus faodaidh an dreuchd a bhith stèidhichte ann am fear seach fear de na làraich sin. 

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA 

 Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan seachd bliadhna mu dheireadh 

  • Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)  
  • Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach  
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris 
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd 

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan  

Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo.

Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV gu hr@mgalba.com agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA. 

Ceann-là dùnaidh:  Diardaoin 12 Faoilleach 2023, 12f. 

Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur air hr@mgalba.com.  Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.