Cùmhnant teirm-shuidhichte, 18 mìosan, 37 uair a thìde gach seachdain
Tuarastal – £16,142 gach bliadhna
Is e cothrom inntinneach a tha seo airson cuideigin aig a bheil ùidh dealasach ann a bhith ag ionnsachadh a thighinn còmhla ris an sgioba aig MG ALBA ann an dreuchd Preantas Ùr-nòsach. Stèidhichte taobh a-staigh ar Roinn Obrachaidh, gheibh an neach-dreuchd eòlas obrach measgaichte air an t-sruth-obrach gu lèir airson prògraman craolaidh. Gheibh an neach-dreuchd trèanadh farsaing agus eòlas obrach thar nan roinnean agus cuiridh iad crìoch air Preantasachd Ùr-nòsach anns na Meadhanan Didseatach agus Cruthachail gu SVQ Ìre 7 rè teirm a’ chùmhnant aca.
Tha sinn a’ sireadh cuideigin a tha dealasach a bhith a’ leasachadh an cùrsa-beatha san roinn chruthachail ioma-mheadhain, le dòigh-obrach adhartach a thaobh obair, deagh sgilean conaltraidh agus eadar-phearsanta agus dìoghras airson ionnsachadh tro eòlas san àite-obrach.
Tha fileantachd ann an comas labhairt Gàidhlig riatanach agus thèid taic a thoirt seachad airson comas sgrìobhte ma tha feum air.
Cò sinn?
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Cànan Graphics Studio, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig agus Bòrd na Ceiltis (Alba).
Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.
Càite bheil sinn?
Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu agus bidh an dreuchd stèidhichte san oifis againn ann an Steòrnabhagh.
Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA
Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA ann an 2017, 2018, 2019 & 2020
Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
Tha sinn a’ tabhann ballrachd lann lùth-chleas gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich againn agus tha sinn a’ tairgse sgeama bileig cùram-chloinne
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo
Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV gu hr@mgalba.com agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA.
Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire Nicleòid air hr@mgalba.com. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.
Ceann-là airson tagraidhean – 28 Ògmhios 2021, 5f.
Agallamhan – Teams Call Diciadain 7 Iuchar 2021.