Ìre B1-B7 – £23,517
Teirm Stèidhichte 2 bhliadhna, 37 uairean san t-seachdain, stèidhichte ann an Glaschu no Steòrnabhagh (obair èasgaidh ri fhaighinn)
An Dreuchd
Tha cothrom-obrach aig MG ALBA an-dràsta airson Pàirtiche (Sgioba Ionnsachaidh Air-loidhne) a’ toirt taic don Sgioba Ionnsachaidh Air-loidhne. Bidh an tagraiche soirbheachail ag obair còmhla ris an Sgioba Ionnsachaidh Air-loidhne ann a bhith ag ath-sgrìobhadh susbaint air-loidhne, a’ cur susbaint air làrach-lìn SpeakGaelic, agus ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ deasachadh susbaint mheadhanan sòisealta, a’ sgrìobhadh stuth ann an Gàidhlig agus Beurla.
Cuiridh am Pàirtiche (Sgioba Ionnsachaidh Air-loidhne) seachad mu 20% den tìde obrach aca cuideachd ann an raointean eadar-dhealaichte de MG ALBA (no BBC ALBA) agus air sgilean a leasachadh.
Bu chòir sgilean eagrachaidh làidir a bhith aig tagraichean, aire gu mion-fhiosrachadh agus a bhith comasach air obrachadh gu h-èifeachdach mar phàirt de sgioba, a thuilleadh air a bhith comasach air obrachadh leotha fhèin. Bu chòir do thagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig.
Cò sinn?
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Astar Media, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic agus SpeakGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Bòrd na Ceiltis (Alba).
Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2022/23.
Càite bheil sinn?
Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Faodaidh an dreuchd a bhith stèidhichte ann an àite seach àite agus tha obair èasgaidh ri fhaighinn.
Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA
- Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan seachd bliadhna mu dheireadh
- Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
- Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach
- Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
- Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
- Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo.
Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA.
Ceann-là dùnaidh: 6 Màrt 2023, 1000
Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur air hr@mgalba.com. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh. Thèid agallamhan a chumail air 13 Màrt 2023 air Teams.