Tha dà dhreuchd bàn aig MG ALBA an-dràsta airson Pàirtiche Ionnsachadh Air-loidhne SpeakGaelic a’ toirt taic do dh’obair na Sgioba Ionnsachaidh Air-loidhne. Bidh na tagraichean soirbheachail ag obair leis an Sgioba Ionnsachaidh Air-loidhne ann a bhith ag ath-riochdachadh susbaint air-loidhne, a’ cur susbaint air làrach-lìn SpeakGaelic agus a’ toirt taic airson riochdachadh agus foillseachadh susbaint meadhanan sòisealta.
Bu chòir sgilean rianachd làidir a bhith aig tagraichean, aire gu mion-fhiosrachadh agus a bhith comasach air obrachadh gu h-èifeachdach mar phàirt de sgioba. Bu chòir na tagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig.
Cò sinn?
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha fiosrachadh cudromach mar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.
Càit a bheil sinn?
Ged a tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu, bidh na h-obraichean seo stèidhichte air a bhith ag obair aig astar.
Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA:
• Air ar n-ainmeachadh air liost Broadcast Best Places to Work in TV airson 2017-2020
• Creideas nar Cosnaichean (Airgead) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
• Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
• Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
• Tha sinn a’ tabhann ballrachd lann lùth-chleas gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
• Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich againn agus tha sinn a’ tairgse sgeama bileig cùram-chloinne
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh an Dealbh-obrach agus am Paca-iarrtais-obrach.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a bhith air an cur gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR gu hr@mgalba.com ro 12f, Dimàirt 4 Cèitean 2021. Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh a-steach litir-chòmhdachaidh agus ur CV le iomradh air carson a tha sibh airson a bhith ag obair còmhla rinn aig MG ALBA.
Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com
Thèid agallamhan an cumail Diluain 17 Cèitean 2021 air Zoom.