Cùl-fhiosrachadh
Tha na meadhanan Gàidhlig, coltach ri gach meadhan eile, a’ dol tro atharrachadh brìgheil. Tha seo an dà chuid dùbhlanach agus brosnachail.
Tha an dreuchd seo ag obair gus faicsinneachd susbaint didseatach Gàidhlig a neartachadh, gu sònraichte luchd-cruthachaidh susbaint neo-eisimeileach ach cuideachd a’ toirt a-steach susbaint co-cheangailte ri MG ALBA, na branndaichean co-cheangailte ris agus com-pàirtichean MG ALBA.
’S e prìomh amas na dreuchd cuideachadh le lìbhrigeadh agus co-òrdanachadh soirbheachail air iomairtean susbaint dhidseatach, a’ gabhail a-steach Càrn, pròiseact mheadhanan sòisealta MG ALBA a tha ag amas air a’ choimhearsnachd dhidseatach Ghàidhlig a neartachadh agus a leasachadh. Bidh an dreuchd cuideachd a’ cur taic ri iomairtean susbaint dhidseatach eile, me, le com-pàirteachasan coimhearsnachd.
Daoine
Bidh na prìomh feartan a leanas aig an tagraiche freagarrach againn:
• Deònach a bhith mar phàirt de sgioba thrang agus làn spionnadh
• Sàr-sgilean eadar-phearsanta agus conaltraidh
• Ùidh sna meadhanan didseatach, gu h-àraidh na meadhanan sòisealta
• A bhith math ann an sgioba
• Deònach a bhith a’ gealltainn ri ionnsachadh san obair, le taic bho leasachadh proifeasanta agus teisteanasan taobh a-muigh
An dreuchd
Bidh an t-Oifigear Dhàimhean Didseatach cunntachail don Mhanaidsear Conaltradh Bhranndaichean fhad ’s a tha iad a’ lìbhrigeadh a’ phròiseict mheadhanan sòisealta Càrn agus iomairtean didseatach eile . Bidh an neach cuideachd a’ toirt taic do dh’obair làitheil nam meadhanan sòisealta aig MG ALBA agus an sgioba conaltraidh nas fharsaing nuair a tha feum air.
Aig cridhe shoirbheachas na dreuchd seo, tha comas a thaobh nam meadhanan sòisealta, agus mothachadh air àrainneachd susbaint fèin chruthaichte na Gàidhlig a tha ann mar-tha.
GEÀRR-IOMRADH AIR TEIRMEAN IS CUMHAICHEAN NA H-OBRACH
Ìre
Ìre B1
Tuarastal
£21,391-£25,444 gach bliadhna
Fòrladh bliadhnail
25 là + 12 saor-làithean poblach
Peinnsean
Sgeama Peinnsein Tabhartas Sònraichte, cuiridh MG ALBA 10% den tuarastal bliadhnail, a’ dol suas gu 15% ma chuireas an neach-obrach tabhartas de 5% ris
Bàs ann an Seirbheis
4 x Tuarastal Bliadhnail
Sochairean Eile
Gus dòigh beatha fhallain a bhrosnachadh thathas a’ tairgse ballrachd gym. Tha dòighean-obrach math teaghlaich agus sùbailte againn agus thathas a’ tairgse sgeama rothaireachd.
Sgeama Pàigheadh Tinneis
Seirbheis suas gu dà bhliadhna Làn-pàigheadh 1-mhìos agus leth-pàigheadh 1 mhìos, ann an aon bhliadhna
An-dèidh seirbheis 2 bhliadhna Làn-pàigheadh 2-mhìos/leth-pàigheadh 2 mhìos, ann an aon bhliadhna
An dèidh seirbheis 3 gu 4 bliadhna Làn-pàigheadh 3-mìosan/leth-pàigheadh 3 mìosan, ann an aon bhliadhna
An-dèidh seirbheis 5 bliadhna Làn-pàigheadh 4-mìosan/leth-pàigheadh 4 mìosan, ann an aon bhliadhna
Ionnsachadh & Leasachadh
Tha e riatanach gum bi plana Ionnsachaidh agus Leasachaidh aig gach neach-obrach a ni comasach dhaibh fàs nas èifeachdaich nan obair agus na h-amasan bliadhnail obrach aca a choileanadh. Thathas a’ brosnachadh teisteanasan proifeasanta.
Gàidhlig
Is e a ’Ghàidhlig cànan obrach MG ALBA. Feumaidh an dreuchd seo ìre làidir de chomas sa chànan. Thèid taic a thoirt do gach tagraiche a tha airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air a’ cheangal aca ris a’ Ghàidhlig.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Airson còmhradh neo-fhoirmeil mu pìos sam bith den obair, cuiribh fios gu hr@mgalba.com agus thèid àm freagarrach a chur air dòigh airson còmhradh.
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca-iarrtais-obrach.
Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt mion-fhiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air a bhith a’ cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 12f Dihaoine 8 Giblean 2022 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.
Ma tha thu ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, aig hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.
Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Diluain 11 Giblean 2022.
Thèid agallamhan an cumail Diluain 21Giblean 2022 tro Teams.