Cothroman obrach

English / Beurla

Oifigear Dhàimh Chorporra

21 Giblean 2023

Ìre C3, £28,846-£34,250
Dreuchd maireannach, 37 uairean san t-seachdain,
stèidhichte ann an Glaschu no Steòrnabhagh (obair èasgaidh ri fhaighinn) 

 

An Dreuchd 

Is e cothrom inntinneach a tha seo do neach a tha dealasch agus amasach a thighinn a dh’obair còmhla ris an sgioba conaltraidh aig MG ALBA ann an dreuchd Oifigear Dhàimh Chorporra. Àrdaichidh an neach faicsinneachd brannd, pròiseactan, toraidhean agus miannan MG ALBA, a’ stiùireadh ar co-obrachaidh le co-obraichean agus luchd-ùidhe, ag innse sgeulachd MG ALBA ann an dòighean ùra agus èifeachdach. Chan eil eòlas air craoladh riatanach, agus bidh trèanadh agus leasachadh pearsanta aig cridhe na dreuchd. 

Cò sinn? 

Tha MG ALBA agus am BBC alìbhrigeadh seirbheis bhidio Ghàidhlig BBC ALBA agus, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus le taic bho Bòrd na Gàidhlig, LearnGaelic agus SpeakGaelic. Tha sinn cuideachd os cionn FilmG, a tha air a lìbhrigeadh às ar leth le gnothachas mheadhanan didseatach. Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air ar riaghladh le Ofcom.   

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2022/23. 

Càite bheil sinn? 

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu.  Faodaidh an dreuchd a bhith stèidhichte ann an àite seach àite agus tha obair èasgaidh ri fhaighinn. 

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA 

  • Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan ochd bliadhna mu dheireadh 
  • Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)  
  • Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach  
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris 
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh  
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd 

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan  

Faicibh am paca iarrtais-obrach an seoGus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA. 

Ceann-là dùnaidh: Dihaoine 19 Cèitean 2023, 1200 

Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur air hr@mgalba.com.  Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.  Thèid agallamhan a chumail Diardaoin 25 Cèitean 2023.