Cùl-fhiosrachadh
Tha na meadhanan Gàidhlig, coltach ri gach meadhan eile, a’ dol tro atharrachadh brìgheil. Tha seo an dà chuid dùbhlanach agus brosnachail.
Is e cothrom inntinneach a tha seo do phroifeasantach margaidheachd/tachartasan aig a bheil eòlas a a thighinn cuide ris an Sgioba Conaltraidh aig MG ALBA ann an dreuchd Oifigear Conaltraidh Corporra. Stèidhichte taobh a-staigh ar n-oifis ann an Steòrnabhagh, cuiridh an neach gu mòr ri lìbhrigeadh ro-innleachd conaltraidh corporra còmhla ris an Stiùiriche Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-Muigh agus a’ toirt taic don Àrd-Oifigear, Sgioba Àrd-stiùiridh MG ALBA, Bòrd MG ALBA agus thar sgiobaidhean MG ALBA san fharsaingeachd.
Daoine
Bidh na prìomh feartan a leanas aig an tagraiche freagarrach againn:
• Teisteanasan agus/no eòlas iomchaidh anns na meadhanan no conaltradh
• Deònach a bhith mar phàirt de sgioba thrang agus làn spionnadh
• Sàr-sgilean eadar-phearsanta agus conaltraidh
• A bhith brosnaichte agus fèin-thòiseachaidh
• Sgilean buaidh agus anailiseach làidir
• Deònach a bhith a’ gealltainn ri ionnsachadh san obair, le taic bho leasachadh proifeasanta agus teisteanasan taobh a-muigh
An dreuchd
Bidh an Oifigear Conaltraidh Corporra cunntachail don Stiùiriche Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-Muigh. Am measg prìomh eileamaidean na dreuchd tha:
• Stiùirich agus, còmhla ris an Stiùiriche Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-Muigh, co-obraichean agus com-pàirtichean, an ro-innleachd conaltraidh corporra a chuir an sàs
• Taic roinneil don Stiùiriche Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-Muigh
• Co-òrdanachadh agus dèanamh cinnteach gun tèid stuthan sanasachd nam meadhanan Gàidhlig a lìbhrigeadh mar a bhios iomchaidh
• Cruthaich stuthan sgrìobhte aig àrd ìre airson an lìon, meadhanan sòisealta, clò-bhualadh, Aithisg Bhliadhnail is msaa
• Ag ullachadh thaisbeanaidhean agus brathan-ullachaidh airson an t-Àrd-Oifigear agus stiùirichean
• Tog lìonra torach de luchd-ceangail, a’ cruthachadh chothroman tric dhaibh fhèin, don Àrd-Oifigear agus/no do stiùirichean a dhol an sàs le luchd-buaidh bhon taobh a-muigh
• Lìbhrigeadh aithisgean adhartais mìosail mu choinneamh amasan aontaichte
• Cruthaich/stiùirich fuasgladh bathar-bog èifeachdach airson manaidseadh dhàimhean
• Ùraich agus cuir fèin-ghluasad air siostaman conaltraidh a th’ ann an-dràsta
• Gabhail os làimh conaltradh luchd-ùidh le sgoiltean, oileanaich agus luchd-tadhail MG ALBA.
• Co-òrdanachadh pròiseactan ro-innleachdail airson MG ALBA far am bi feum
GEÀRR-IOMRADH AIR TEIRMEAN IS CUMHAICHEAN NA H-OBRACH
Ìre
Ìre C1
Tuarastal
£26,795-£30,848 gach bliadhna
Fòrladh bliadhnail
25 là + 12 saor-làithean poblach
Peinnsean
Sgeama Peinnsein Tabhartas Sònraichte, cuiridh MG ALBA 10% den tuarastal bliadhnail, a’ dol suas gu 15% ma chuireas an neach-obrach tabhartas de 5% ris
Bàs ann an Seirbheis
4 x Tuarastal Bliadhnail
Sochairean Eile
Gus dòigh beatha fhallain a bhrosnachadh thathas a’ tairgse ballrachd gym. Tha dòighean-obrach math teaghlaich agus sùbailte againn agus thathas a’ tairgse sgeama rothaireachd.
Sgeama Pàigheadh Tinneis
Seirbheis suas gu dà bhliadhna Làn-pàigheadh 1-mhìos agus leth-pàigheadh 1 mhìos, ann an aon bhliadhna
An-dèidh seirbheis 2 bhliadhna Làn-pàigheadh 2-mhìos/leth-pàigheadh 2 mhìos, ann an aon bhliadhna
An dèidh seirbheis 3 gu 4 bliadhna Làn-pàigheadh 3-mìosan/leth-pàigheadh 3 mìosan, ann an aon bhliadhna
An-dèidh seirbheis 5 bliadhna Làn-pàigheadh 4-mìosan/leth-pàigheadh 4 mìosan, ann an aon bhliadhna
Ionnsachadh & Leasachadh
Tha e riatanach gum bi plana Ionnsachaidh agus Leasachaidh aig gach neach-obrach a ni comasach dhaibh fàs nas èifeachdaich nan obair agus na h-amasan bliadhnail obrach aca a choileanadh. Thathas a’ brosnachadh teisteanasan proifeasanta.
Gàidhlig
Is e a ’Ghàidhlig cànan obrach MG ALBA. Feumaidh an dreuchd seo ìre làidir de chomas sa chànan. Thèid taic a thoirt do gach tagraiche a tha airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air a’ cheangal aca ris a’ Ghàidhlig.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Airson còmhradh neo-fhoirmeil mu pìos sam bith den obair, cuiribh fios gu hr@mgalba.com agus thèid àm freagarrach a chur air dòigh airson còmhradh.
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca-iarrtais-obrach.
Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt mion-fhiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air a bhith a’ cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 12f Dihaoine 8 Giblean 2022 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.
Ma tha thu ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, aig hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.
Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Diluain 11 Giblean 2022.
Thèid agallamhan an cumail Dimàirt 19 Giblean 2022 aig Oifis Steòrnabhagh MG ALBA.