Tha MG ALBA toilichte a bhith a’ fastadh airson 5 obraichean samhraidh a ruitheas eadar Ògmhios-Lùnastal 2021.
Bu mhath leinn cluinntinn bho dhaoine fa leth a tha airson eòlas obrach fhaighinn mar phàirt den chùrsa ionnsachaidh aca agus sgilean fhaighinn ag obair taobh a-staigh àrainneachd nam meadhanan Gàidhlig. Bu chòir tagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig.
Tha greisean-gnìomhachais na bliadhna seo stèidhichte ann an sgiobaidhean sònraichte agus tha iad co-cheangailte ri pròiseactan. Tha fiosrachadh mu na sgiobaidhean agus na pròiseactan air an liostadh gu h-ìseal.
Bidh am Prògram Greis-gnìomhachais Samhraidh againn a’ gabhail a-steach inntrigeadh, lèirmheasan coileanaidh le sgiobaidhean agus le manaidsearan gu cunbhalach agus teisteanas crìochnachaidh mu sgilean.
Obair: Greis-gnìomhachais Samhraidh (x 2)
Manaidsear: Manaidsear Ionnsachaidh Air-loidhne
Eòlas a gheibhear: Eòlas susbaint didseatach agus mheadhan sòisealta
Fad a’ chùmhnaint: Teirm suidhichte – 10 seachdainean
Stèidhichte: Aig astar
Obair: Greis-gnìomhachais Samhraidh (x 1)
Manaidsear: Manaidsear Obrachaidh (Goireasan)
Eòlas a gheibhear: Eòlas Obrachaidh/Teicneòlais
Fad a’ chùmhnaint: Teirm suidhichte – 10 seachdainean
Stèidhichte: Oifis Steòrnabhaigh
Obair: Greis-gnìomhachais Samhraidh (x 1)
Manaidsear: Stiùiriche an Ionmhais/Corporra
Eòlas a gheibhear: Eòlas Ionmhais/Gnìomhachais/Corporra
Fad a’ chùmhnaint: Teirm suidhichte – 10 seachdainean
Stèidhichte: Aig astar
Obair: Greis-gnìomhachais Samhraidh (x 1)
Manaidsear: Manaidsear Conaltraidh
Eòlas a gheibhear: Eòlas conaltraidh
Fad a’ chùmhnaint: Teirm suidhichte – 10 seachdainean
Stèidhichte : Aig astar
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus cothrom airson deasbad neo-fhoirmeil air gin de na greisean gnìomhachais, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com
Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro Dhimàirt 13 Giblean 2021, 12f gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com.
Gus tagradh a dhèanamh, cuir a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh mun dreuchd agus carson a tha thu airson a bhith ag obair còmhla rinn aig MG ALBA mar phàirt den Phrògram Greis-gnìomhachais Samhraidh againn.
Thèid agallamhan a chumail Diluain 19 Giblean 2021 air Zoom.