Obraiche Teicneòlais
Ìre B2, £22,742-£24,093 sa bhliadhna
Cùmhnant làn-ùine, maireannach, stèidhichte ann an Steòrnabhagh
Cò tha sinn a’ lorg?
An caomh leibh a bhith ag obair ann an sgioba? Bheil ùidh agaibh ann a bhith ag obair ann an riochdachadh Tbh? Bheil eòlas agaibh ann an gnothaichean bhideo/fuaim?
Ma tha, agus ma tha sibh math air a bhith ag obair le daoine eile, agus ag obair gu mionaideach agus ann an dòigh rianail, bhiodh ùidh againn cluinntinn bhuaibh. Feumaidh comas a bhith agaibh sa Ghàidhlig no a bhith ga h-ionnsachadh gu dìcheallach.
An dreuchd
Bidh an t-Obraiche Teicneòlais ag obair mar phàirt den Sgioba Obrachaidh air gnothaichean stiùidio agus iar-riochdachaidh, an dà chuid taobh a-staigh goireasan craolaidh MG ALBA agus ag obair aig astar. Airson a’ mhòr-chuid den t-seachdain bidh an neach a’ deasachadh agus a’ measgachadh stuthan fuaim airson stuthan taisbeanaidh na seanail.
Thèid trèanadh a thoirt seachad air pìosan sònraichte de na sruthan-obrach agus thèid dèanamh cinnteach gu bheil sibh làn-uidheamaichte an obair a choileanadh.
Cò sinn?
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.
Càite bheil sinn?
Bidh an dreuchd seo stèidhichte sna h-oifisean againn ann an Steòrnabhagh.
Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA
Air ar n-ainmeachadh air liosta Broadcast Best Places to Work in TV airson 5 bliadhna an dèidh a chèile
- Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
- Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
- Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon sùim ris
- Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
- Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn
Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca-iarrtais-obrach an seo.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 2f, Diciadain 7 Iuchar 2021 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur cunntas-beatha agus innsibh dhuinn dè tha tarraingeach dhuibh mun dreuchd.
Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire NicLeòid aig hr@mgalba.com
Thèid agallamhan an cumail Dimàirt 27 Iuchar 2021 tro Teams.