Cùmhnant maireannach, 37 uairean san t-seachdain
Ìre B1 – £22,166
Tha MG ALBA air leth toilichte a bhith a’ fastadh Neach-taic Ionmhais gus ar prìomh sgioba ann an Ionmhas agus Gnìomhachas a neartachadh. Gheibhear ionnsachadh bho ar Cunntasair agus daoine eile san sgioba Ionmhais agus Gnìomhachais agus planadh airson fàs is leasachadh na buidhne san fhad-ùine. Bu mhath leinn bruidhinn ri tagraichean bho roinn sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith ag obair còmhla rinn agus aig a bheil deagh sgilean rianachd gnìomhachais.
Stèidhichte ann an oifis Steòrnabhaigh, bheir an Neach-taic Ionmhais taic don Sgioba Ionmhais is Gnìomhachais a thuilleadh air conaltradh cunbhalach le comhairlichean bhon taobh a-muigh agus solaraichean phrògraman bhon taobh a-muigh. Bu chòir sàr-sgilean àireamhachd, mionaideachd agus eagrachaidh a bhith aig tagraichean. Tha e riatanach aire a thoirt do mhion-fhiosrachadh agus cumail ri cinn-latha. Bu chòir cuideachd sgilean eadar-phearsanta adhartach a bhith aig tagraichean, ìrean àrda de ionracas agus earbsachd agus an dealas a bhith ag obair gu dealasach air trèanadh agus leasachadh mar phàirt den leasachadh pearsanta leantainneach aca san dreuchd.
Tha an dreuchd seo mar phàirt de phlanadh leantainneachd taobh a-staigh an Sgioba Ionmhais. Bidh adhartas dreuchdail na chothrom do dhaoine a tha airson an dreuchdan fhèin a thoirt air adhart agus a leasachadh taobh a-staigh MG ALBA.
Cò sinn?
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Astar Media, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic agus SpeakGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Bòrd na Ceiltis (Alba).
Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2022/23.
Càite bheil sinn?
Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Tha an dreuchd seo stèidhichte ann an Steòrnabhagh.
Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA
- Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan seachd bliadhna mu dheireadh
- Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
- Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach
- Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
- Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
- Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo
Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA.
Ceann-là dùnaidh: Dihaoine 10 Màrt 2023, 1200
Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur air hr@mgalba.com. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.
Thèid agallamhan a chumail Dimàirt 21 Màrt 2023 ann an oifis Steòrnabhaigh.