Cothroman obrach

English / Beurla

Manaidsear Conaltraidh

3 Lùnastal 2023

Ìre D, £38,552-£41,835 (suas gu £43,005 airson neach air leth sònraichte); a’ gabhail a-steach solarachadh peinnsein & ballrachd gym 

Làn ùine, cùmhnant maireannach 

Stèidhichte:  MG ALBA ann an Steòrnabhagh/Glaschu/obair èasgaidh ri fhaighinn 

 

Tha MG ALBA a’ sireadh neach a tha gu nàdarra math le daoine agus nan deagh neach-conaltraidh. Neach brosnachail a tha a cheart cho math le daoine ’s a tha iad le ùrlaran didseatach. 

’S e dreuchd inntinneach a tha seo do chuideigin a tha dìoghrasach mun bhuaidh a tha aig na meadhanan Gàidhlig air cànan, cultar, coimhearsnachdan, obraichean agus ar saoghal san fharsaingeachd. Ag obair gu dlùth leis an sgioba àrd-stiùiridh, nì thu cinnteach gu bheil MG ALBA a’ bruidhinn agus ag èisteachd ri ar prìomh luchd-ùidh – gu pearsanta, aig tachartasan, air a’ fòn, air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta. 

Mas e sàr neach-labhairt agus neach-sgrìobhaidh Gàidhlig a th’ annad aig a bheil eòlas conaltraidh agus a tha cofhurtail a bhith ag obair aig astar luath, bhiodh ùidh againn cluinntinn bhuat. 

 

Cò sinn? 

Tha MG ALBA agus am BBC ann an com-pàirteachas alìbhrigeadh BBC ALBA agus, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, LearnGaelic agus SpeakGaelic. Tha sinn cuideachd os cionn FilmG, a tha air a lìbhrigeadh às ar leth le gnothachas mheadhanan didseatach. Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air ar riaghladh le Ofcom.   

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2022/23. 

 

Càite bheil sinn? 

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu.  Faodaidh an dreuchd a bhith stèidhichte ann an àite seach àite agus tha obair èasgaidh ri fhaighinn. 

 Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA 

  •  Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan ochd bliadhna mu dheireadh 
  • Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)  
  • Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach  
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris 
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh  
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd 

 

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan  

Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo

Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus an CV agad a’ toirt fiosrachadh air na sgilean, eòlas agus comasan agad, agus ag innse dhuinn carson a tha ùidh agad a bhith air do bheachdachadh airson na dreuchd seo. Tha sinn a’ cur fàilte air cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaidh agus saor-thoileach. 

Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 12f Dimàirt 22 Lùnastal 2023 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus iarrtas a chuir a-steach, feuch an cuir thu a-steach do CV agus innis dhuinn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach mun dreuchd agus a bhith ag obair do MG ALBA. 

Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire NicLeòid aig hr@mgalba.com. Feuch an cuir thu fios thugainn ma tha thu airson còmhradh dìomhair a chuir air dòigh mun chothrom. 

Cuiridh sinn dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro 5f Dimàirt 22 Lùnastal 2023. 

Thèid agallamhan a chumail air 28 Lùnastal 2023 air Teams. 

Tha sinn nar fastaiche co-ionannachd chothroman agus tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho gach raon taobh a-staigh ar coimhearsnachdan faisg air làimh agus nas fharsaing.