Cothroman obrach

English / Beurla

Einnseanair Pròiseict

23 Màrt 2022

An dreuchd

Tha MG ALBA a’ sireadh Einnseanair Pròiseict. Bidh an neach-dreuchd na neach-tòiseachaidh fèin-bhrosnaichte comasach air obrachadh gun stiùireadh agus le sàr sgilean stiùiridh ùine gus raon de phròiseactan bun-structair craolaidh a lìbhrigeadh. Bidh sàr eòlas aig an tagraiche soirbheachail air gach cuid bun-structar craolaidh traidiseanta agus stèidhichte air IP, stiùidio agus craoladh taobh a-muigh, iar-riochdachadh bhidio is fuaime, intercom agus ceanglaichean beò saideil / IP. Feumaidh an dreuchd seo dòigh-obrach sùbailte a thaobh uairean obrach gus coinneachadh ri riatanasan pròiseict agus bidh feum air beagan obair deireadh-sheachdain agus oidhche.
Gheibhear na prìomh raointean obrach sa phaca-iarrtais-obrach.
Bheir thu taic do dh’obraichean theicneòlais agus preantasan gus na sgilean aca a leasachadh agus taic a thoirt do gach taobh de thoraidhean cruthachail MG ALBA gus an ìre as àirde a choileanadh.

Tha an dreuchd stèidhichte aig prìomh oifis MG ALBA ann an Steòrnabhagh ach bidh feum air beagan siubhail gu na h-àiteachan eile againn agus gus coinneachadh ri solaraichean seirbheis agus solaraichean uidheamachd.

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2021/22.
Càite bheil sinn?
Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu agus tha an dreuchd seo stèidhichte ann an Steòrnabhagh

Nithean inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA:

• Air ar n-ainmeachadh air liosta Broadcast Best Places to Work in TV airson 6 bliadhna an dèidh a chèile
• Creideas nar Cosnaichean (Platinum) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
• Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
• Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon sùim ris
• Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
• Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca-iarrtais-obrach.

Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt mion-fhiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air a bhith a’ cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 5f Diardaoin 31 Màrt 2022 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.
Ma tha thu ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, aig hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.
Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Diardaoin 31 Màrt 2022.

Thèid agallamhan an cumail Diciadain 6 Giblean 2022 nar n-oifis aig Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh