Cunntasair
Ìre E1, £39,526-£43,943
(Pasgan tuarastail a tha a rèir eòlas, a’ gabhail a-steach solar peinnsein & ballrachd gym)
Làn-thìde (37 uairean gach seachdain), cùmhnant maireannach, stèidhichte ann an Steòrnabhagh ach fosgailte do dh’obrachadh sùbailte agus b’ fheàrr leinn gu robh seo stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan
An dreuchd
Tha sinn a’ sireadh neach a bhios nam prìomh bhall den Sgioba Ionmhais, leis a’ phearsa agus na sgilean airson a bhith ag obair mar aon sgioba le co-obraichean chruthachail is ghnìomhachais ann an telebhisean, air-loidhne, na meadhanan sòisealta agus rèidio agus a tha cuideachd comasach air cur nas fharsainge ri leasachadh nam meadhanan Gàidhlig.
Bidh an Cunntasair ag obair mar bhall den Sgioba Ionmhais, ag obrachadh ar siostaman ionmhais gu h-èifeachdach agus a’ toirt sàr-smachd ionmhasail air a’ bhuidhinn.
Is e cothrom a tha seo a bhith mar phàirt de bhuidheann Gàidhlig, aon chuid mar neach-labhairt fileanta no mar neach-ionnsachaidh a tha dealasach mu bhith fileanta. Mar sin, ma tha sgilean cunntasachd làidir agad, teisteanasan buntainneach, eòlas agus miann bu mhath leinn cluinntinn bhuat.
Cò sinn?
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha fiosrachadh cudromach anns a’ Phlana Obrachaidh againn airson 2021/22 mu na h-amasan againn agus thèid a chuir gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta airson agallamhan.
Càite bheil sinn?
Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. B’ fheàrr leinn gu robh an dreuchd stèidhichte ann an Steòrnabhagh ach tha sinn deònach beachdachadh air obrachadh sùbailte air a’ Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan.
Nithean inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA:
- Air ar n-ainmeachadh air liosta Broadcast Best Places to Work in TV airson 5 bliadhna an dèidh a chèile
- Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
- Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora sa bhliadhna + 12 làithean-saora poblach
- Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon sùim ris
- Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
- Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn
Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan
Faicibh am paca-iarrtais-obrach.
Gus tagradh a dhèanamh, cuir a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt fiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 10f Didòmhnaich 12 Sultain 2021 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.
Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Dhiluain 13 Sultain 2021.
Thèid agallamhan an cumail Diardaoin 23 Sultain 2021 tro Teams.