Ceann-latha airson tagraidhean: 12 meadhan-latha Diluain 1 Cèitean 2023
Bu chòir CVan a chur a-steach gu cothroman@mgalba.com
Tha MG ALBA a’ tabhann na leanas do thagraichean soirbheachail:
- Suas ri sia mìosan de thrèanadh pàighte làn-ùine air greisean gnìomhachais thar diofar riochdachaidhean ann am prògraman sgriobtadh agus fìrinneach TBh/FILM agus pròiseactan eile taobh a-staigh roinnean cruthachail nam meadhanan didseatach
- Prògram de chùrsaichean inntrigidh goirid le BECTU Vision
- Taic agus stiùireadh sònraichte airson gach neach-trèanaidh.
Bidh tu ag obair le, agus ag ionnsachadh bho, proifeiseantaich gnìomhachais mar phàirt de sgioba, a’ faighinn eòlas obrach ann an àrainneachd obrach dha-rìribh.
Gheibh luchd-trèanaidh tuarastal mìosail stèidhichte air an fhìor thuarastal beò (an-dràsta aig £10.90 san uair ro chìs agus NI.) airson seachdain 40 no 55 uair san t-seachdain. Thèid seo a phàigheadh aig deireadh gach mìos.
Nuair a bhios tu ceangailte ri greisean gnìomhachais taobh a-staigh roinn riochdachadh dràma obraichidh tu suas ri 55 uair san t-seachdain.
Mar as trice bidh bùthan-obrach trèanaidh air-loidhne agus greisean gnìomhachais air riochdachaidhean fìrinneach a’ toirt a-steach 40 uair san t-seachdain.
Tòisichidh cùrsaichean trèanaidh bho 15 Cèitean 2023 airson 6 mìosan.
Bidh a’ chiad greis gnìomhachais an cois an riochdachadh dràma An Clò Mòr ann an Leòdhas is na Hearadh airson 5 seachdainean.
Bidh greisean gnìomhachais eile an dara cuid anns na h-Eileanan Siar air neo air tìr-mòr na h-Alba.
Thèid luchd-trèanaidh a phàigheadh air ais airson cosgaisean siubhail is àite-fuirich.