Cothroman obrach

English / Beurla

Coimiseanair

8 Gearran 2023

Ìre E, tuarastal ìre margaidh agus a rèir eòlas 

Dreuchd maireannach, 37 uairean san t-seachdain, stèidhichte ann an Glaschu no Steòrnabhagh (obair èasgaidh ri fhaighinn) 

 

Is e cothrom inntinneach a tha seo do choimiseanair no riochdaire susbaint aig a bheil eòlas a thighinn còmhla ri Sgioba Phrògraman MG ALBA ann an dreuchd Coimiseanair. Bu mhath leinn bruidhinn ribh ma tha sàr eòlas agaibh ann an gnìomhachas craolaidh, an comas sàr dhàimhean obrach a thogail agus a chumail taobh a-staigh MG ALBA, BBC ALBA agus companaidhean riochdachaidh, agus ar com-pàirtichean bhon taobh a-muigh agus ma tha sibh airson a bhith mar phàirt de sgioba a tha a’ sìor fhàs. 

 

Cò sinn? 

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC.  Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Astar Media, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic agus SpeakGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Bòrd na Ceiltis (Alba). Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air ar riaghladh le Ofcom.   

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2022/23. 

 

Càite bheil sinn? 

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu.  Faodaidh an dreuchd a bhith stèidhichte ann an àite seach àite agus tha obair èasgaidh ri fhaighinn. 

 

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA 

  •  Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan seachd bliadhna mu dheireadh 
  • Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)  
  • Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach  
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris 
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh  
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd 

 

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan  

Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo

Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA. 

Ceann-là dùnaidh: Diciadain 8 Màrt 2023, 1200 

Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur air hr@mgalba.com.  Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.  Thèid agallamhan a chumail air 15/16 Màrt 2023.