Cothroman obrach

English / Beurla

Co-òrdanaiche – Com-Pàirteachas Susbaint Coimhearsnachd

26 Iuchar 2023

Ìre C, £ 30,000 sa bhliadhna (pro-rata FTE), a’ gabhail a-steach peinnsean & ballrachd gym

Pàirt-ùine (7.5 prìomh uairean san t-seachdain + uairean a bharrachd ma bhios feum air), cùmhnant ùine stèidhichte 2 bhliadhna, Steòrnabhagh/Glaschu/Obrachadh Iomallach ri fhaighinn

 

An Dreuchd

’S e cothrom inntinneach a tha seo do cho-òrdanaiche eagraichte agus brosnachail, le ùidh mhòr ann a bhith a’ leasachadh agus a’ toirt taic do sgioba de luchd-trèanaidh, a dhol còmhla ris an sgioba aig MG ALBA. Stèidhichte gu sùbailte, agus le ùine chunbhalach nar n-oifisean ann an Steòrnabhagh, bheir an luchd-dreuchd taic, stiùireadh, cuideachadh don cheathrar luchd-trèanaidh ùr againn (a tha stèidhichte ann am buidhnean coimhearsnachd) agus bidh iad nam prìomh cheangail eadar na buidhnean com-pàirteachais a tha a’ co-obrachadh air a’ phròiseact seo.

Ma tha ùidh agad ann an roinn chruthachail nam meadhanan, a’ leasachadh sgilean agus a’ stiùireadh phlanaichean trèanaidh don luchd-trèanaidh againn fhad ‘s a tha iad ag obair taobh a-staigh coimhearsnachdan beothail nan Eilean Siar bu mhath leinn cluinntinn bhuat. Gheibh thu taic le plana trèanaidh coileanta agus leasachadh pearsanta is proifeasanta thairis air a’ chùmhnant.

 

Cò sinn?

Tha MG ALBA agus am BBC a’ lìbhrigeadh seirbheis bhidio Ghàidhlig BBC ALBA agus, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, LearnGaelic agus SpeakGaelic. Tha sinn cuideachd os cionn FilmG, a tha air a lìbhrigeadh às ar leth le gnothachas mheadhanan didseatach. Tha sinn air ar maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air ar riaghladh le Ofcom.

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2022/23.

 

Càite bheil sinn?

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Tha na dreuchdan seo stèidhichte aig na buidhnean aoigheachd againn gu h-ìosal, ann an Leòdhas & Uibhist:

  • Urras Oighreachd Ghabhsainn
  • Urras an Taighe Mhòir/ Loch Ròg an Ear
  • Taigh Chearsabhagh
  • Ceòlas

Tha an dreuchd seo sùbailte, le ùine sa phrìomh oifis againn ann an Steòrnabhagh tron chùmhnant.

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA

  • Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA airson nan ochd bliadhna mu dheireadh
  • Creideas nar Cosnaichean (Platinum), Creideas ann an Slàinte agus Sunnd (Òr) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
  • Tha sinn a’ tabhann 31 làithean-saora + 6 làithean-saora poblach
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd

 

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca iarrtais-obrach an seo.

Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA.

Ceann-là dùnaidh: Diciadain 16 Lùnastal 2023, 1000

Cuiribh thugainn ur CV agus litir còmhdachaidh gu Claire Macleod, HR Advisor aig hr@mgalba.com.

Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur air Claire Macleod hr@mgalba.com. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.

Cuiridh sinn dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agaibh ro 5f Diciadain 16 Lùnastal 2023.

Thèid agallamhan a chumail air 24mh den Lùnastal 2023 tro Microsoft Teams.

Tha sinn nar fastaichean co-ionannachd chothroman agus cuiridh sinn fàilte air tagraidhean bho coimhearsnachdan faisg air làimh agus nas fharsainge.