Tairgsean

Atharraich gu Beurla

SpeakGaelic Tagradh Làrach-Lìn

17 Dùbhlachd 2020

’S e SpeakGaelic brannd iomairt ionnsachaidh cànain àrd-amasach. Is e na tha san amharc a bhith a’ cruth-atharrachadh ìre ionnsachaidh agus cleachdaidh na Gàidhlig.

Is e pròiseact ùr-ghnàthasach agus co-òrdanaichte a tha ann, a bhios a’ co-mheasgachadh ionnsachadh coimhearsnachd agus nam meadhanan, agus thathar a’ sùileachadh gun tabhann e structar soilleir, farsaing, co-fhillte airson ionnsachadh na Gàidhlig.

Bidh roghainn aig an neach-cleachdaidh eòlas a chur air SpeakGaelic ann an trì dòighean diofraichte a tha uile co-fhillte, ach cuideachd comasach air a bhith air an cleachdadh fa leth:

• air an teagasg tro chùrsa SpeakGaelic; agus/no
• air an cleachdadh ann an susbaint mheadhanan BBC ALBA/BBC Radio nan Gàidheal;
• agus/no fèin-stiùirichte tro làrach-lìn SpeakGaelic.

Bidh curraicealam SpeakGaelic stèidhichte air builean-ionnsachaidh SCEMIC (Siostam Chumanta Eòrpaich airson Measadh Ionnsachadh Chànan) far a bheil gach neach-labhairt suidhichte aig aonan de shia ìrean (A1, A2, B1, B2, C1, C2).

Bidh SpeakGaelic a’ dèiligeadh ri ìrean A1, A2, B1, B2. Cha bhi e a’ dèiligeadh ri C1 agus C2 oir tha iad sin airson luchd-labhairt a tha an ìre mhath, no gu tur, fileanta.

Tha am pàipear seo a’ cur an cèill an sònrachadh coimiseanaidh airson làrach-lìn SpeakGaelic.

Bidh sinn a’ coimiseanadh làrach-lìn ùr dà-chànanach anns a bheil na leanas:

  • Dà sheòrsa de logadh a-steach cleachdaiche roghainneil (neach-ionnsachaidh agus oide). Faodaidh an neach-cleachdaidh seòladh a dhèanamh air an làraich gun chlàradh.
    • Bu chòir don làrach cuimhne a chumail air an neach-cleachdaidh (neach-ionnsachaidh agus oide) agus leigeil leotha togail far an do dh’fhalbh iad
  • làrach do luchd-ionnsachaidh air-loidhne
    • le ceithir ìrean (gach fear le 13 aonadan: bidh deuchainn fhèin aig gach aonad le timcheall air 10 builean ionnsachaidh agus mion-dheuchainnean)
    • a tha làn mheadhanan le bhidio, criomagan claisneachd, ìomhaighean agus deuchainnean eadar-ghnìomhach (tha deuchainnean a’ nochdadh grunn stoidhlichean ceist)
  • dòigh anns am faodar susbaint cruth goirid fhaicinn gu fulangach
  • app co-cheangailte
  • raon oide a’ toirt a-steach leabharlann den chùrsa, stuthan margaidheachd oide.
  • CMS a tha furasta a chleachdadh
  • Bu chòir don làraich a bhith mothachail air gach àrd-ùrlar agus brobhsair agus aig a bheil astar luath duilleag

Thèid ìre a h-aon (A1) beò thar gach àrd-ùrlar agus meadhanan san t-Sultain 2021 agus leanaidh gach ìre (gu B2) ann am bliadhnaichean an dèidh a chèile.

Buidseat: £125,000 gu h-iomlan

Stuthan lìbhrigidh: mar gu h-àrd.

Clàr-ama
An tairgse air fhoillseachadh                                         Dihaoine 13/11/20
Ceann-là airson tagraidhean                                         Dihaoine 27/11/20, 5f
Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA                     Dihaoine 4/12/20
Frèaman-uèir agus ailtireachd bun-structair                 Dihaoine 18/12/20
Dealbhaich dreach aig ìre high fidelity                         Dihaoine 15/1/21
Togail front end agus CMS air a lìbhrigeadh                   Dihaoine 28/2/21
Deuchainn gabhail ri cleachdaiche                                 Diciadain 31/3/21
Togail front end agus CMS crìochnaichte agus lìbhrigte   Dihaoine 14/5/21
Stuthan deiseil agus crìochnaichte                                 Dihaoine 30/7/21
Foillseachadh bog den làraich                                       Dihaoine 27/8/21
Làrach a’ dol beò (dh’fhaodadh seo atharrachadh)         Disathairne 11/9/21

Bu chòir tagraidhean agus ceistean sam bith mu rud sam bith a tha sa phròiseas tairgse làraich-lìn seo a chur gu speakGaelic@mgalba.com.

Is iad na h-eileamaidean eile a bhios air an cruthachadh mar phàirt den phròiseact:
• stuthan cùrsa agus oide;
• susbaint TBh, rèidio agus meadhanan didseatach
• bun-bheachd dealbh brannd agus bìoball.

Slatan-tomhais measaidh
Luach an airgid – 20%
Eòlas dearbhaichte ann a bhith a’ lìbhrigeadh gu cinn-ama pròiseict – 20%
Eòlas air pròiseactan coltach – 20%
Luas luchdaidh phròiseactan roimhe – 20%
An deach an sònrachadh a leantainn? – 20%

Gheibhear am fiosrachadh slàn an seo ann an cruth PDF