Tairgsean

Atharraich gu Beurla

Cùmhnant airson Seirbheisean: cruthachadh stuth ionnsachaidh fèin-stiùirichte A2 airson làrach-lìn SpeakGaelic

23 Samhain 2021

Tha SpeakGaelic na iomairt ionnsachaidh Gàidhlig ioma-ùrlair a tha air a lìbhrigeadh le com-pàirteachas de MG ALBA, Sabhal Mòr Ostaig agus am BBC. Tha e a’ toirt a-steach stuthan ionnsachaidh airson lìbhrigeadh sa chlas, susbaint mheadhain co-phàirteach agus susbaint làrach-lìn airson ionnsachadh fèin-stiùirichte. Tha gach aon de na h-eileamaidean stèidhichte air curraicealam a chaidh a leasachadh le com-pàirtiche acadaimigeach a’ phròiseict, Sabhal Mòr Ostaig, a tha stèidhichte air CEFRL (Common European Framework of Reference for Languages). Bidh SpeakGaelic a’ toirt a-steach A1, A2, B1 agus B2. Chaidh A1 a chur air bhog san Dàmhair 2021.

A thuilleadh air a bhith a’ stiùireadh a’ phròiseict gu h-iomlan, tha uallach air MG ALBA airson na susbaint ionnsachaidh air-loidhne agus susbaint nam meadhanan sòisealta a thoirt gu buil.

Tha an tairgse seo airson cùmhnant airson seirbheisean airson susbaint A2 a lìbhrigeadh airson ionnsachadh fèin-stiùirichte airson làrach-lìn SpeakGaelic. Bidh an t-susbaint seo:

  • a’ cleachdadh nan structaran agus na cruthan a chaidh a stèidheachadh mu thràth airson susbaint làrach-lìn A1 airson ionnsachadh fèin-stiùirichte; agus
  • stèidhichte air a’ churraicealam airson SpeakGaelic A2 air a leasachadh le Sabhal Mòr Ostaig. Bidh an taobh seo an urra ri dearbhadh neo-eisimeileach.

Stuthan lìbhrigidh

  • c500 duilleag-lìn de shusbaint làrach-lìn A2 airson ionnsachadh fèin-stiùirichte stèidhichte air clàr-teagaisg SpeakGaelic A2; stèidhichte air 11 leasan (tha dhà de na trì leasanan deug A2 air an dèanamh mu thràth)
  • Cruth: faodar a lìbhrigeadh ann an Word (no cruth teacsa eile)

Clàr-ama

  • Lìbhrigeadh susbaint làrach-lìn seachdaineil airson gach leasan gus an urrainnear a h-uile stuth a lìbhrigeadh, a dhearbhadh agus a chur a-steach ro 25/2/22. (Bidh dearbhadh agus an stuth a chur air an làrach-lìn air a riaghladh le MG ALBA).

Luach

  • Cosgais airson seirbheisean: £15,000.

Clàr-ama

  • Ceann-là airson tairgse a chur a-steach: Diluain 6 Dùbhlachd 2021 5f
  • Co-dhùnadh ro: Dihaoine 10 Dùbhlachd 2021. Dh’fhaodadh gum biodh co-dhùnadh air innse le agallamh le solaraichean s/t 6/12/21
  • Ceann-là tòiseachaidh: sa bhad nuair a thèid tairgse a thoirt seachad

Slatan-tomhais

1. 50% comas Gàidhlig dearbhte (nas fheàrr le teisteanas, me, teisteanas teagaisg no eile; a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh GOC)
2. 15% comasan sgrìobhaidh tarraingeach dearbhte
3. 15% comas dearbhte a bhith ag obair ann an àrainneachd sgioba ioma-chom-pàirtiche far a bheil feumalachdan com-pàirteachais a’ tighinn an toiseach
4. 10% comas dearbhte gus stiùireadh a ghabhail gus coinneachadh ri toraidhean com-pàirteachais
5. 10% comas dearbhte gus cinn-latha a choileanadh

Stiùireadh airson tagradh a chur a-steach
Cha bu chòir don tagradh agad a bhith nas fhaide na trì duilleagan agus bu chòir dha a bhith a’ toirt a-steach CV goirid ach sònraichte a tha a’ dèiligeadh ri na slatan-tomhais ainmichte. Faodar eisimpleirean de dh’obair a rinn thu roimhe a chur na chois.

Bu chòir do thagradh a chur gu SpeakGaelic@mgalba.com air post-d gun a bhith nas fhaide na 5f air Diluain 6 Dùbhlachd 2021.

Thèid ìrean feabhais agus clàr-ama mionaideach airson lìbhrigeadh seachdaineil aontachadh mus tòisich an cùmhnant. Bidh lìbhrigeadh seachdaineil an urra ri dearbhadh.