Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

The One Show a’ tighinn gu na h-Eileanan Siar

13 Iuchar 2018

Tha The One Show a’ tighinn gu na h-Eileanan Siar an ath sheachdain mar thoradh air co-bhanntachd shònraichte le MG ALBA.

Thèid am prògram a chraoladh BEÒ às na Hearadh agus à Leòdhas mar phàirt de prògraman sònraichte thairis air dà oidhche.

Bidh preasantairean Alex Jones agus Matt Baker stèidhichte ann an Talla na Mara Diardaoin (19 Iuchar, 7f, BBC ONE). Chaidh an t-ionad-coimhearsnachd seo fhosgladh gu h-oifigeil an-uiridh le Ben Fogle agus chithear seallaidhean eireachdail de thràigh Nisaboist a-null gu Tarasaigh, a tha glè iomchaidh oir is ann an sin a chaidh Castaway a chlàradh.

Bidh Alex agus Matt ann an Steòrnabhagh Dihaoine (20 Iuchar, 7f, BBC ONE) beò bho Fhèis Cheilteach Innse Gall.

Bidh gach prògram a’ cur fòcas air cò ris a tha e coltach a bhith beò sna h-Eileanan, le raon de phìosan diofraichte gach oidhche.

’S i aodann BBC ALBA, Fiona NicChoinnich, a bhios a’ lìbhrigeadh pìos a’ comharrachadh 10 bliadhna bho chaidh BBC ALBA a chraoladh an toiseach.

’S e obair air leth a bh’ ann a bhith a’ toirt an iomairt seo ri chèile. Tha MG ALBA a’ solarachadh leth den chriutha de 50+ a tha an sàs sa chraoladh bho muigh (OB).

Bidh goireasan MG ALBA ann an Steòrnabhagh, a tha cho math ri feadhainn a gheibhear air feadh an t-saoghail, aig cridhe an tachartais, a’ toirt seachad seirbhisean fuaim, camara, solais, deasachaidh agus goireasan OB.

Thuirt Alex Jones, preseantair The One Show:

“Tha mi fhèin agus Matt a’ coimhead air adhart gu mòr ri ar chiad turas a Leòdhas agus na Hearadh.

“Bho na chi sinn ’s e àite àlainn a th’ ann. Le measgachadh de sgeulachdan agus aoighean tha sinn deimhinnte gun còrd na prògraman sònraichte seo bho na h-Eileanan Siar ri ar luchd-amhairc.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA:

“Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air The One Show gu Leòdhas agus na Hearadh. Tha MG ALBA gu math pròiseil gu robh e comasach dhuinn an co-obrachadh a tha seo a thogail le ar com-pàirtichean ann an lìonradh nàiseanta a’ BhBC.

“Tha sinn gu math toilichte gu bheil na sàr-ghoireasan a th’ againn agus sar-thàlant chruthachail nam meadhanan anns na h-Eileanan a’ cur fàilte air fear de na prògraman as aithnichte aig a’ BhBC san Rioghachd Aonaichte agus gum bi comas cho math aig luchd-coimhid a’ phrògraim sin a bhith beò airson greis ann an sònrachas ar saoghal Gàidhealach a tha cho prìseil, gu h-àraid ’s sinn a’ comharrachadh beothas BBC ALBA agus an t-seanail an ìmpis a bhith a’ ruighinn 10 bliadhna bho thòisich i”.

Thuirt Claire Megahey, Àrd-Riochdaire aig The One Show:

“Tha sinn cho toilichte gu bheil The One Show gu bhith ann Leòdhas agus na Hearadh airson a’ chiad uair. Tha e air a bhith cho tlachdmhor a bhith ag obair le sgioba MG ALBA thairis air na mìosan a dh’fhalbh, a’ dealbhachadh a’ phròiseact shònraichte seo.

“Tha sgioba MG ALBA air fàilte chridheil a thoirt dhuinn air na tursan planaidh againn agus tha an cuid eòlas craolaidh air a bhith deatamach ann a bhith ga dhèanamh comasach fear de na prògraman TBh as fheàrr leis an luchd-amhairc a thoirt chun àite iomallach seo.”