Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Geàrr-liosta duaisean Grierson

20 Iuchar 2018

Chaidh fhoillseachadh an-diugh, 26 Òg-Mhìos 2018, gun deach prògram-aithriseach BBC ALBA ainmeachadh air geàrr-liosta aon de na duaisean TBH as cliùitiche san t-saoghal.

Chaidh am prògram ‘Sùlasgeir: An t-Sealg’ a thaghadh ann an roinn Eachdraidh Nàdarra aig Duaisean Grierson, rud eachdraidheil do phrògram Gàidhlig.

Tha an sgeulachd a’ leantainn sealg a’ ghuga, seann chleachdadh à sgìre Nis air Eilean Leòdhais. Chithear na sealgairen a’ siubhal 40 mìle gu eilean iomallach Sùlaisgeir airson an cuota bhliadhnail de ghuga a thoirt dhachaigh.

Le saoghal nan sealgair ag atharrachadh agus a gluasad chun ath ghinealach, tha aire a’ phrògraim gu mòr air Dods MacPhàrlain, is e a’ gabhail a thuras mu dheireadh chun eilean mar threòraiche.

Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg a riochdachadh le MacTV, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Sa Mhàirt 2018, choisinn am prògram Teastanas Airidheachd aig Fèis Eadar-Nàiseanta Telebhisein Chicago.

Thuirt Riochdaire MacTV, Màiri Nic a’ Ghobhainn: “Tha sinn air leth toilichte Sùlaisgeir: An t- Sealg fhaicinn taobh ri taobh le prògraman cho aithnichte ri Blue Planet. Mar chompanaidh bha sinn fortanach an cothrom fhaighinn sgeulachd bhalaich Shùlaisgeir innse bhon taobh a-staigh, agus a sgaoileadh chun an t-saoghal air fad.”

Thuirt Ceannard BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn fìor thoilichte leis an naidheachd gu bheil am program Sùlaisgeir air geàrr-liosta duaisean cho cliùiteach. Tha e na urram dhuinn aithne mar seo fhaighinn agus tha e a’ dearbhadh sàr obair ar companaidhean riochdachaidh is an earbsa a tha ann eadar choimhearsnachdan agus BBC ALBA. Tha am program a’ dèiligeadh le cuspair connspaideach ann an dòigh fosgailte agus fìrinneach agus a’ taisbeanadh cuibhrinn phrìseil de dhualchas aon de ar h-eileinean.”

Chaidh Duaisean Grierson a stèidheachadh ann an 1972, a bha an uairsin aithnichte mar Duaisean Prògraman Aithriseach Bhreatainn, mar chuimhneachan air am filmeadair Albannach Iain Grierson (1898-1972).