Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Maoin Eadar-nàiseanta Cheilteach

7 Lùnastal 2018

Tha craoladairean bho na dùthchannan Ceilteach air a thighinn còmhla gus maoin riochdachaidh ùr a chur air chois gus prògraman dràma, beò-dhealbhadh agus aithriseach a leasachadh sna cànain Ceilteach.

Thèid cuairt-coimiseanaidh bliadhnail eadar craoladairean agus luchd-maoineachaidh nan dùthchannan Ceilteach ann an Alba, a’ Chuimrigh, Èirinn agus Èirinn a Tuath a ruith le Maoin Eadar-nàiseanta Cheilteach (CIF).

Chaidh a chuir air chois le BBC ALBA (le maoineachadh bho MG ALBA), S4CTG4 agus Maoin Craolaidh na Gaeilge aig Sgrion Èireann a Tuath (ILBF).

’S e amas an CIF co-leasachadh – agus an uair sin co-riochdachadh – a bhrosnachadh tro Ghàidhlig na h-Alba, Cuimris agus Gaelige, a thuilleadh air leasachadh a dhèanamh a thaobh eadar-nàiseanachadh Eòrpach agus thar-chruinne air stuthan air an dèanamh bho thùs sna cànain Ceilteach sin.

Bheir an CIF cothrom do luchd-dèanamh fhilmichean co-leasachadh agus co-riochdachadh a dhèanamh air stuthan sònraichte, àrd-amasach a bheir neart do chlàran-ama phrògraman aig prìomh amannan, buaidh nàiseanta air luchd-amhairc ann an Alba, A’ Chuimrigh, Èirinn agus Èirinn a Tuath agus a bhios ag amas air luchd-amhairc air feadh an t-saoghail a ruighinn.

Tha a’ chiad chuairt seo a’ gabhail a-steach trì gnèithean, Prògraman Aithriseach, Dràma agus Beò-dhealbhadh. Airson gach pròiseact a bhios soirbheachail, bidh àm leasachaidh ann far an tèid maoineachadh a sholarachadh gus beachdan agus am frèam-obrach co-riochdachaidh a leasachadh, aig am feum eileamaid riochdachaidh a bhith ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Èirinn no Èirinn a Tuath.

Thèid an CIF a rianachd le co-sgioba coimiseanaidh bho na craoladairean agus an luchd-maoineachaidh às na dùthchannan Ceilteach a tha nan com-pàirtichean san sgeama seo.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “’S e gluasad cudromach a tha seo a neartaicheas modh-obrach ro-innleachdail a thaobh co-riochachadh airson BBC ALBA – àite far a bheil iomairtean MG ALBA mu thràth air buannachdan susbainteach a chruthachadh gu maith luchd-amhairc BBC ALBA agus meudachadh ann an cothroman airson ar luchd-solair. Le bhith ag obair ann an com-pàirteachas le craoladairean Ceilteach eile bidh cothrom againn cuideachd buannachd fhaighinn bho thuilleadh chothroman Eòrpach agus thar-chruinne. Thathas a’ sùileachadh gun toir an iomairt seo dhuinn cothrom prògraman aig ìre nas àirde a lìbhrigeadh le co-roinneadh de ghoireasan agus de riochdachadh agus tha e cho brosnachail an cothrom seo a bhith againn ann an raointean leithid prògraman Aithriseach, Dràma agus Beò-dhealbhadh. Tha BBC ALBA beò ann an saoghal a tha a’ sior fhàs nas fharpaisich. Le bhith ag obair còmhla ri craoladairean Ceilteach agus a’ leasachadh modailean riochdachaidh ùr tha cothrom ann prògraman a tha beairteach is sònraichte a chruthachadh agus thèid meudachadh a dhèanamh sna buannachdan eaconamaigeach an lùib seilbheachd ann an craoladh Gàidhlig.”

Maoin Riochdachaidh Eadar-nàiseanta