Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

BBC ALBA na dhachaigh airson Ball-coise nam Ban Albannach

4 Sultain 2018

BBC ALBA na dhachaigh airson Ball-coise nam Ban Albannach le iomadh aonta ùr

Air an aon là ’s a tha sgioba nàiseanta na h-Alba ag ullachadh airson a’ gheama dheatamach aca an aghaidh Albania nan iomairt ro-fharpaiseach faighinn gu Cupa Cruinne nam Ban, tha BBC ALBA an-diugh a’ foillseachadh aontaidhean ùra a tha a’ ciallachadh gum bi an t-seanail na dachaigh airson ball-coise nam Ban Albannach.

Tha an gluasad seo na chomharra chudromach gus ìomhaigh na spòrs àrdachadh ann an Alba. Tha na h-aontaidhean a’ gabhail a-steach craoladh beò de gheama sam bith bho gheamannan Alba ann an Cupa na Cruinne 2019.

Le aonta trì bliadhna le Buidheann Riaghlaidh ball-coise na h-Alba (SFA) thèid geamannan farpaiseach na sgioba a thèid an cluich aig an taigh a shealltainn beò air BBC ALBA, a thuilleadh air an iPlayer. Ann an iomairt obrachaidh às ùr, co-roinnidh an SFA agus an t-seanail stuthan air feadh nam meadhanan sòisealta gus dèanamh cinnteach gu bheil fàs a’ tighinn air ìomhaigh a’ gheama, a’ cur ri luchd-amhairc aig na geamannan, pàirteachas agus luchd-amhairc.

Tha an naidheachd seo a’ tighinn aig an aon àm ’s a tha an t-seanail a’ foillseachadh craoladh a bharrachd de lìog nàiseanta nam ban ann an Alba, le co-dhiù sia geamannan air an craoladh, nam measg Cuairt Dheireannach Cupa nam Ban SSE agus Cuairt Dheireannach Cupa an SWPL. Bidh cuideachd iomairt Glasgow City ann an Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban UEFA 2018 ri fhaicinn.

Thuirt Chris Rawlings, Stiùiriche Coimearsalta an SFA: “’S e com-pàirteachas a tha seo a tha a’ togail ar n-inntinn gu mòr agus geama nam ban agus nan caileag ann an Alba a’ sìor leasachadh.

“Le barantas cinnteach de chom-pàirtiche craolaidh, tha cothrom againn na geamannan a chluicheas sgioba nam ban aig an taigh a shealltainn, geamannan a tha air a bhith air leth inntinneach gu ruige seo.

“Le 4,098 neach a’ coimhead a’ gheama aig The Simple Digital Arena ann am Pàislig, tha seo a’ sealltainn dhuinn gu bheil miann aig daoine sgioba nàiseanta nam ban fhaicinn agus tha an cùmhnant seo a’ toirt a’ chothrom don rìoghachd againn na geamannan fhaicinn nuair nach eil iad air chomas a bhith an làthair.

“Bidh sinn ag obair gu dlùth ri BBC ALBA gus dèanamh cinnteach gun cùm an com-pàirteachas a’ fàs bliadhna air bhliadhna agus a’ lìbhrigeadh craoladh aig àrd ìre de na geamannan.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “’S e cothrom air leth a tha seo airson na seanail. Anns na 10 bliadhna de BhBC ALBA, tha sinn air sealltainn ann an spòrs eile ciamar as urrainn do dh’ùrlar free-to-air nàiseanta a bhith a’ taisbeanadh spòrs a tha a’ sìor fhàs agus aig an aon àm a’ toirt a’ Ghàidhlig – uaireannan airson a’ chiad uair – chun luchd-amhairc.

“Tha ball-coise nam ban Albannach aig àm gluasadach na eachdraidh agus tha sinn air leth toilichte a bhith ag obrachadh leis an SFA agus leis an SWF gus com-pàirteachasan a bheir cruth atharrachadh agus maith gu luchd-amhairc BBC ALBA, ach cuideachd a tha cho tlachdmhor airson ball-coise nam ban Albannach aig ìre lìog agus ìre nàiseanta.

“Tha sinn cuideachd air leth toilichte tron BhBC a bhith comasach geamannan sgioba na h-Alba air fad bho Chupa Cruinne nam ban a chraoladh beò, ma gheibh iad troimhe chun na h-ìre seo.”

Thuirt Vivienne MacLaren Cathraiche SWF: “Tha an t-aonta seo na chomharra air adhartas taobh a-staigh ball-coise nam ban ann an Alba. Tha a bhith a’ toirt a’ gheama nas fhaisg air daoine ro-chudromach dhuinne mar bhuidheann agus tha an cùmhnant seo na cheum shoirbheachail eile. Le bhith ag obair le BBC ALBA ron seo, tha làn fhios againn air a’ mhòr mhiann a th’ aca airson ar geama agus tha sinn air leth toilichte a bhith nar pàirt den aonta seo.

“’S e àm brosnachail a th’ ann airson a’ gheama aig an taigh. Tha craoladh gheamannan air ùrlar nàiseanta na theisteanas air a h-uile duine a tha an sàs sa gheama, sna làithean a dh’fhalbh agus sna làithean seo, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil àm ri teachd soirbheachail ron ath ghinealach de chluicheadairean ball-coise boireann de gach aois.”