Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

‘The Wall’, co-riochdachadh Cheilteach-Choirianach air a chur aig bhog aig MIPCOM

15 Dàmhair 2018

‘The Wall’, co-riochdachadh Cheilteach-Choirianach air a chur aig bhog aig MIPCOM

An-diugh (Diluain 15mh) aig MIPCOM, mar comharra den chaidreachas ùr cho-innleachdail, bithidh na com-pàirtichean de ‘Maoin Eadar-nàiseanta Cheilteach’ (CIF) a’ cur air bhog ‘The Wall’, sreath phrògram aithriseach airson a’ chraoladair Cuimreach S4C, a’ chraoladair Èireannach TG4 agus a’ chraoladair Choirianach JTV. Bithidh an t-sreath, a thèid a chraoladh aig toiseach 2019, co-riochdaichte le Rondo às a’ Chuimrigh agus Rosg à Èirinn.

Tha CIF a’ ruith cuairt-coimiseanaidh bhliadhnail eadar craoladairean agus luchd-maoineachaidh nan dùthchannan Ceilteach ann an Alba, a’ Chuimrigh, Èirinn agus Èirinn a Tuath.

Chaidh a chur air chois le BBC ALBA (le maoineachadh bho MG ALBA), S4CTG4 agus Maoin Craolaidh na Gaeilge aig Sgrion Èireann a Tuath (ILBF).

’S e amas an CIF co-leasachadh – agus an uair sin co-riochdachadh – a bhrosnachadh tro Ghàidhlig na h-Alba, Cuimris agus Gaelige, a thuilleadh air leasachadh a dhèanamh a thaobh eadar-nàiseanachadh Eòrpach agus thar-chruinne air stuthan air an dèanamh bho thùs sna cànain Ceilteach sin.

Bheir an CIF cothrom do luchd-dèanamh fhilmichean co-leasachadh agus co-riochdachadh a dhèanamh air stuthan sònraichte, àrd-amasach a bheir neart do chlàran-ama phrògraman aig prìomh amannan, buaidh nàiseanta air luchd-amhairc ann an Alba, A’ Chuimrigh, Èirinn agus Èirinn a Tuath agus a bhios ag amas air luchd-amhairc air feadh an t-saoghail a ruighinn.

Tha a’ chiad chuairt seo a’ gabhail a-steach trì gnèithean, Prògraman Aithriseach, Dràma agus Beò-dhealbhadh. Airson gach pròiseact a bhios soirbheachail, bidh àm leasachaidh ann far an tèid maoineachadh a sholarachadh gus beachdan agus am frèam-obrach co-riochdachaidh a leasachadh, aig am feum eileamaid riochdachaidh a bhith ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Èirinn no Èirinn a Tuath.

Thèid an CIF a rianachd le co-sgioba coimiseanaidh bho na craoladairean agus an luchd-maoineachaidh às na dùthchannan Ceilteach a tha nan com-pàirtichean san sgeama seo.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA:

“’S e rud àrd-amasach a tha seo airson ar gnìomhachas riochdachaidh agus tha sinn a’ sùileachadh gun toir an iomairt seo dhuinn cothrom na companaidhean riochdachaidh againn a bhith a’ strì gu h-eadar nàiseanta agus gun cruthaich e prògraman ùra agus nas fheàrr airson luchd-amhairc BBC ALBA. Le bhith a’ co-obrachadh gu h-eadar nàiseanta tha sinn ag àrdachadh càileachd agus ruigsinneachd ar susbaint.”