Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA nan sponsairean air Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail Ball-coise nam Ban Albannach

7 Sultain 2018

Thèid Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail Ball-coise nam Ban Albannach (SWF) 2018 a sponsaireadh le MG ALBA. An dèidh cùmhnant a ghlèidheadh le SWF nas tràithe air a’ bhliadhna an tuilleadh gheamannan a chraoladh na riamh roimhe air BBC ALBA suas gu 2020, tha seo na chomharra eile air dealas MG ALBA gu ruige geama na nighinn agus nam ban.

Thuirt Vivienne MacLaren Cathraiche SWF: “Tha seo na àm air leth chudromach dhuinne mar bhuidheann. Tha MG ALBA air a bhith cho taiceil de ar geama airson ùine fhada agus mar sin tha sinn air ar dòigh gu bheil iad an sàs san tachartas.

“Bha e na thargaid mhòr dhuinne na duaisean a chuir an sàs a-rithist. Tha e mu bhith a’ cruthachadh oidhche airson ar ballrachd air fad gus a dhèanamh comasach a h-uile duine a tha an sàs sa gheama a thoirt còmhla agus soirbheas air feadh na dùthcha a chomharrachadh aig na diofar ìrean de bhall-coise na nighinn agus nam ban.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ toirt sponsaireachd gu Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail an SWF . Thathas air a bhith ag obair gu soirbheachail leis an SWF gus inbhe geama nam ban a thogail, agus bha fios againn gu robh seo mar phròiseact a bheireadh dhuinne an cothrom an geama a thaiceachadh a bharrachd.”

Thèid 14 duaisean an toirt seachad air an oidhche, le ceithir duine ainmichte sa mhòr chuid de ghnèithean.

“Fhuaireas àireamh air leth àrd de dh’ainmichean” thuirt Vivienne. “Bha e gu math duilich don phanal a ghearradh sìos agus tha seo na chomharra air cho brosnachail agus co-fharpaiseach ’s a tha an geama a-nis. Gu dearbha, cha bhithinn-sa airson a bhith a’ co-dhùnadh cò a bhuannaicheas.

“Tha reic thiocaidean agus bùird air a bhith air leth àrd, le ùidh ga shealltainn bho sgiobannan, clubaichean agus pàirtean den dùthaich. Agus ‘s ann mar sin a bhathas ag iarraidh gun tachradh. Ged nach eil e comasach don h-uile duine a bhith nan ainmiche no nan buainnaiche air an oidhche, tha na duaisean seo a’ dèanamh luaidh air sàr obair tòrr dhaoine, a’ mhòr chuid a tha ag obair gu saor-thoileach.

Thèid Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail Ball-coise nam Ban Albannach aig MG ALBA a chumail Disathairne 17 Sultain ann an Taigh-òsta Hilton, Glaschu. Airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson tiocaidean, a tha a-nis cuingichte, thèid gu https://scotwomensfootball.com/swf-annual-awards/.