Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA – geàrr-liosta 2019

4 Samhain 2019

Tha Hands Up for Trad, am buidheann a bhios a’ ruith Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA, air ainmeachadh na cluicheadairean, seinneadairean agus còmhlain airson duaisean 2019, le bhòtadh a’ tòiseachadh aig 10m air Diluain 4 Samhain.

Tachartas a tha aig cridhe a’ mhìosachan thraidiseanta, thèid na duaisean a chumail aig Aberdeen Music Hall air Disathairne 7 Dùbhlachd aig 7f, le tiocaidean a’ creic gu luath agus e air a chraoladh beò air BBC ALBA agus air-loidhne air feadh an t-saoghail aig bbc.co.uk/alba.

Air a lìbhrigeadh le Màiri Anna NicUalraig agus Kim Carnie, tha na duaisean cliùiteach air an co-dhùnadh le sàr-eòlaichean a’ ghnìomhachais agus làn ceòl bho Skerryvore, Benedict Morris a bhuannaich BBC Radio Scotland Neach-ciùil Traidiseanta Òg am bliadhna, Heisk, Aberdeenshire Youth Band, Kris Drever, Sian agus Robyn Stapleton.

Cuideachd air an àrd-ùrlar aig cuirm nan duaisean, bidh Session A9, Mairi Campbell agus The Pendulum Band (a rinn Auld Lang Syne gu h-ainmeil air Sex and the City), agus Susan MacFadyen Scottish Dance Band.

Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich an tachartas, agus a tha ga chur air adhart: “Mar as àbhaist, the na Trads a’ cur iongnadh orm. Tha e a’ sealltainn cho làidir ’s a tha ar saoghal, an tàlant agus farsaingeachd a’ ghnìomhachais. Tha sinne air bhioran gus dà dhuais ùr ainmeachadh, an dà chuid ag aithneachadh rudan cudromach – Bhidio Trad na Bliadhna agus Ceòladair na Bliadhna.

Am measg nan seachd-deug dhuaisean tha am Belhaven Bursary. An duais is luachmhor ann an Alba, aig an aon ìre ris am Mercury Prize, tha e ag aithneachadh nuadhachais agus le £25,000 air fàire airson am buannaiche airson beachdan agus cruthachas a bhrosnachadh. Bhuannaich Elephant Sessions an duais ann an 2017 agus Talisk ann an 2018. A bharrachd air sin, tha an duais cuideachd a’ gabhail a-steach leann sònraichte a thèid a ghrùdaireachd leis an ainm aca, agus nochdaidh iad aig pàrtaidh Belhaven Brewery às dèidh am pairèid ann an New York air Seachdain an Tartain. Thèid am buannaiche cuideachd a thaisbeanadh ann an iomairt-shanasachd telebhisein a chleachdas an ceòl aca. Tha maoin Belhaven air a thaiceachadh le Showcase Scotland Expo, buidheann a tha a’ cur taic ri leasachadh eadar-nàiseanta de neach-ealain Albannach, cuide ri Alba Chruthachail, agus tèid am bursaraidh a thoirt do chòmhlan no neach-ealain tro phanail de sàr-eòlaichean a’ ghnìomhachais.

Gheibhear tiocaidean airson na cuirme aig Aberdeen Music Hall Box Office air 01224 641122 no air loidhne an seo.

Thuirt Manaidsear Conaltraidh MG ALBA, Murchadh MacSuain: “’S e àm uabhasach math a th’ ann airson ceòl thradiseanta ann an Alba agus tha MG ALBA toilichte an taic seo a chuir ris an tàlant air leth. Tha na ceòladairean seo nan tosgairean do dh’Alba, ar cànain agus ar cultaran agus tha e mìorbhaileach gun urrain dhuinn an comharrachadh mar seo.”

Thuirt Alan Morrison, Ceannard Ciùil, Alba Chruthachail: “Tha uiread de thàlant againn anns gach roinn de Dhuaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA. Seo na daoine a tha a’ cumail dualchas ciùil Alba beò, cuideachd aig ìre coimhearsnachd, na daoine a tha a’ cur Alba air beulaibh an t-saoghal le bhith a’ sgaoileadh ar ceòl suaicheanta. The Alba Chruthachail cho moiteil gu bheil sinn nar sponsair airson Neach-oideachaidh Ciùil na Bliadhna às leth Youth Music Initiative – chan eil càil cho math ri bhith a’ toirt an tradisean seo dhan ath-ghinealach agus a bhith a’ faicinn mar a tha iadsan a’ greimeachadh an ceòl dhaibh fhèin.”

Thuirt Gordon Muir, Stiùiriche Margaidheachd aig Belhaven Brewery: “Tha Belhaven cho toilichte taic a chuir ri saoghal ceòl thraidiseanta Alba leis an treasamh bursaraidh againn. Tha an saoghal seo cho làn tàlant brosnachail agus tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ brosnachadh rudan ùr leis an duais seo, a bheireas dhaibh cothrom fàs agus seilbheach a chuir gu ruige rudan ùr cruthachail fheuchainn. Tha ìre na ceòladairean air an liost cho math agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri na buannaichean thairis air a’ bhliadhna.”

Thuirt Stuart Fleming, Àrd-Mhanaidsear airson PRS for Music, Alba agus Èirinn a Tuath: “Tha sinne toilichte taic a chuir a-rithist ri Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA. Gu h-àraidh tha e sgoinneil gu bheil ceithir de na sgrìobhaichean-ciùil as brosnachail againn air a’ gheàrr-liost airson duais PRS for Music agus gur math a thèid dhaibh.”

An Geàrr-Liost:

Album of the Year sponsored by Birnam CD

  • 1. Beyond, by Talisk
  • 2. Drawn From Deep Water, by Gnoss
  • 3. Free One, by Kinnaris Quintet
  • 4. Frenzy of the Meeting, by Breabach
  • 5. Laws Of Motion, by Karine Polwart, Steven Polwart & Inge Thomson
  • 6. Mercury, by Siobhan Miller
  • 7. Neath the Gloaming Star, by Hannah Rarity
  • 8. Steer By The Stars, by Skipinnish
  • 9. The Reeling, by Brìghde Chaimbeul
  • 10. What Makes You, by Elephant Sessions

Belhaven Bursary for Innovation

  • 1. Breabach
  • 2. Kinnaris Quintet
  • 3. Lau
  • 4. Niteworks
  • 5. Ross Ainslie
  • 6. Rura
  • 7. Karine Polwart
  • 8. Project Smok
  • 9. Fara
  • 10. Treacherous Orchestra

Club of the Year, sponsored by Traditional Arts and Culture Scotland (TRACS)

  • 1. Largs Folk Nights
  • 2. Sutherland Sessions
  • 3. Button and Bows Accordion and Fiddle club
  • 4. Montrose Folk Club

Composer of the Year, sponsored by PRS for Music

  • 1. Catriona Hawksworth
  • 2. Hayley Keenan
  • 3. Jenna Reid
  • 4. Mischa MacPherson

Community Project of the Year

  • 1. Blazin’ in Beauly
  • 2. Kin in the community
  • 3. SEALL Festival of Small Halls held on Skye last November.
  • 4. Bogha Frois

Event of the Year, sponsored by VisitScotland

  • 1. Scotland at Lorient – Fèis Rois
  • 2. Tiree Music Festival
  • 3. Alba Choir at Eurovision
  • 4. Under Canvas in partnership with Eden Court

Gaelic Singer of the Year, sponsored by The Highland Society of London

  • 1. Brian O’Headra
  • 2. Ceitlin Lilidh
  • 3. Kim Carnie
  • 4. Mary Ann Kennedy

Musician of the Year, sponsored by The University of the Highlands and Islands

  • 1. Adam Sutherland
  • 2. Jenn Butterworth
  • 3. Paul Anderson
  • 4. Ross B Wilson
  • 5. Signy Jakobsdottir
  • 6. Tom Oakes

Live Act of the Year, sponsored by Greentrax Recordings

  • 1. Peat and Diesel
  • 2. Rura
  • 3. Talisk
  • 4. Fara
  • 5. The Outside Track

Citty Finlayson Scots Singer of the Year, sponsored by Traditional Music and Song Association Award

  • 1. Amy Papiransky
  • 2. Dougie Mackenzie
  • 3. Steve Byrne
  • 4. Fiona Ross

Scottish Dance Band of the Year, sponsored by National Association of Accordion and Fiddle Clubs

  • 1. The Cruickshank Family Band
  • 2. Ewan Galloway Scottish Dance Band
  • 3. Gary Sutherland Scottish Dance Band
  • 4. Scott Band Scottish Dance Band

Scottish Folk Band of the Year, sponsored by Threads of Sound

  • 1. Blazin Fiddles
  • 2. Dallahan
  • 3. Iona Fyfe Trio
  • 4. Tannahill Weavers

Scottish Pipe Band of the Year, sponsored by the Gordon Duncan Memorial Trust

  • 1. Renfrewshire Schools Pipe Band
  • 2. Inverary and District Pipe Band
  • 3. Closkelt Pipe Band
  • 4. Dollar Academy

Trad Video of the Year

  • 1. Fair Weather Beggar by Claire Hastings
  • 2. Heroes – Tide Lines
  • 3. Hope in the Chaos by Ross Ainslie and Malcolm Jones
  • 4. Playlist East West by Shooglenifty featuring Tanxugueiras

Music Tutor of the Year, sponsored by Creative Scotland’s Youth Music Initiative

  • 1. Claire Gullan
  • 2. Iain Ruari Finlayson, Skye Schools
  • 3. Ingrid Henderson
  • 4. Louise Hunter
  • 5. Sharon Hassan

Up and Coming Artist of the Year, sponsored by Royal Conservatoire of Scotland

  • 1. Calum Jones and the trad project
  • 2. Dlù
  • 3. Hecla
  • 4. Man of the Minch

Venue of the Year, sponsored by Musicians’ Union

  • 1. An Tobar (Mull)
  • 2. Soundhouse at the Traverse (Edinburgh)
  • 3. St Margaret’s Braemar
  • 4. The String Cafe (Lerwick)