Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Maoin Susbaint Dhaoine Òga (Yacf) Ag Ainmeachadh A’ Chiad Sglèat

6 Samhain 2019

Tha BBC ALBA am measg aon de shia craoladairean san RA a dh’ainmich gun do shoirbhich leotha ann a bhith a’ gleidheadh maoineachadh bhon YACF, a tha air a stiùireadh leis a’ BFI agus air a dhèanamh comasach le suas gu £57m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Tha maoineachadh air a ghleidheadh airson dà phrògram shònraichte beò airson cloinne/airson clann eadar 8-11 bliadhna dh’aois ann an Gàidhlig, a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ choimhearsnachd chudromach chulturail seo air a comharrachadh ann am prògraman airson òigridh agus gu bheil luchd-labhairt Gàidhlig a tha òg rim faicinn air an sgrion.

Tha seo a’ tighinn agus an YACF ag ainmeachadh a’ chiad sglèat de dhuaisean riochdachaidh agus leasachaidh, a’ sealltainn a’ bhuaidh shònraichte a th’ aige air a’ ghnìomhachas. Ann an dìreach sia mìosan, tha am Maoin a’ co-mhaoineachadh measgachadh de naoi sreathan agus prògraman sònraichte, thairis air sia craoladairean: Channel 5, ITV, BBC ALBA, S4C, TG4 agus Sky.

Tha an sglèat brosnachail tòiseachail seo a’ gabhail a-steach gach dòigh-obrach, gnè agus luchd-amhairc bho phrògraman dìbhearsan-fìrinneach airson clann fo aois sgoile gu dràma tarraingeach airson deugairean. Tha e cuideachd a’ dol gu ruige targaid na Maoine de 5% airson susbaint cànain dùthchasail.

Ni Sorbier Productions dà phrògram airson BBC ALBA:

  • • ’S e dràma comadaidh neo-àbhaisteach a th’ ann an Rùn / Secret bho Sorbier Productions, mu bhith ag èisteachd agus ag ionnsachadh. Thathas a’ faicinn mar a tha saoghal balach òg, bodhar a’ sìor atharrachadh ri linn caraid ceithir-chasach a tha mar na cluasan nach robh a-riamh aige
  • • ’S e prògram aithris mìorbhailteach a th’ ann an Lachlan, Balach aig a’ Mhullach / Boy at the Top, cuideachd bho Sorbier Productions, far a bheil balach a’ feuchainn ri fearann a tha co-ionann ri Everest a shreap, beinn an dèidh beinn!

Cuideachd, ni Paper Owl Films Ltd am prògram SOL, co-choimisean bho BhBC ALBA, S4C agus TG4:

  • • Thèid seo a riochdachadh ann an trì cànain eadar-dhealaichte: Cuimris, Gaelige na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba. Bidh an sgeulachd ag innse mu oidhirp mac-meanmnach Sol gus an t-saoghal a shàbhaladh, an dèidh bàs a sheanmhair. Tha an dealbh-beò seo a’ feuchainn ri clann aois 8-11 bliadhna a dh’aois a chuideachadh le bhith a’ tuigse bròn.

Tha an sglèat farsaing a’ gabhail a-steach: prògraman fìrinneach beò Meet the Experts (Channel 5’s Milkshake!) agus How! (CITV), a thuilleadh air FYI News Specials (Fresh News TV, Sky News, Sky Kids), taobh ri taobh ri dràma beò leithid Person/A (S4C) agus Y Gyfrinach/The Secret (S4C). Cuideachd a’ faighinn maoineachadh tha dràma meadhanan measgaichte fo-sgoile leithid Mimi’s World (Channel 5’s Milkshake!).

Lachlan Balach aig a' Mhullach - Lachlan on top of Ben Nevis

Tha BBC ALBA – a tha air a ruith le MG ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC – a’ buannachadh bho dhòigh-obrach ùr-ghnàthach ann a bhith a’ maoineachadh susbaint ùr.

Thuirt Rùnaire a’ Chultair Nicky Morgan:

“Tha mi air leth toilichte leis a’ bhuaidh dheimhinnich a tha air a bhith aig an YACF sa chiad sia mìosan. Feumar leantainn le bhith ag àrach susbaint tùsail a tha a’ brosnachadh ar ginealach òg agus a tha a’ riochdachadh an t-saoghail sa bheil iad beò.

“Tha e fìor mhath a bhith a’ faicinn gu bheil am Maoin a’ cuideachadh le pròiseactan cruthachail agus misneachail agus tha mi a’ brosnachadh chraoladairean leantainn orra le bhith a’ dol an sàs leis ann an dòigh dheimhinneach.”

Thuirt Jackie Edwards, Ceannard an YACF:

“Tha sinn air a bhith air ar dòigh glan le feabhas nan tagraidhean, ach ’s e an dealas agus an ìre de chom-pàirteachas bho na craoladairean a tha a’ cuideachadh le buaidh dheimhinneach na Maoine. Leis gu bheil iadsan a’ gabhail ris na cothroman a tha am Maoin a’ tabhann, agus le bhith a’ fosgladh an cuid clàran-ama agus am buidseatan, thathas a’ toirt sàr shusbaint ùr gu clann agus daoine òga. Tha mi air mo mhòr bhrosnachadh leis na dh’fhaodas sinn a choileanadh còmhla, agus le bhith a’ toirt seachad cha mhòr £3.8m sna ciad mìosan den Mhaoin, tha mi misneachail gu faodar tòrr a bharrachd a dhèanamh!”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC:

“Tha sinn fìor thoilichte gu robh e comasach do BhBC ALBA agus do chlann le Gàidhlig buannachd fhaighinn bhon YACF. Tha am maoineachadh sònraichte airson cànain na RA a thuilleadh air Beurla, leithid Gàidhlig agus Cuimris, air leth taiceil agus tha e cho brosnachail gu bheil fear de ar solaraichean air a bhith soirbheachail sna h-ìrean tràth den Mhaoin. Tha Sorbier air a bhith a’ cruthachadh phrògraman chloinne a tha air duaisean a chosnadh airson grunnan bhliadhnaichean agus ’s e bhith a’ faighinn cothrom air na maoinean eadar-nàiseanta seo a tha a’ toirt nam pròiseactan seo gu bith. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ fàs ann an Alba agus tha an cothrom prògraman chloinne beò a bhith againn deatamach airson na cloinne sin, an cuid teaghlaichean agus an siostam foghlaim.”

Tha YACF cuideachd air 15 Duaisean Leasachaidh a thoirt seachad airson grunnan phròiseactan àrd-amasach, a’ sealltainn gur e seo toiseach tòiseachaidh airson na tha ri thighinn bhon tàlant san RA ag obair san roinn seo. Chaidh an YACF a chuir air chois gus an roinn ath-neartachadh agus tha coltas ann gum bi e aig cridhe atharrachadh ann an cruthachadh phrògraman tùsail airson clann agus daoine òga air seirbheisean saor ’s an-asgaidh agus air an riaghladh le Ofcom.

A’ dol an sàs san trioblaid eachdraidheil de cion-seilbheachd ann a bhith a’ cruthachadh susbaint airson daoine den aois seo, tha am Maoin a’ cur taic ri pròiseactan a bhios na chur-seachad, a bhios a’ tabhann fiosrachaidh agus a bhios mar ìomhaigh air beatha dhaoine òga a tha a’ fàs suas air feadh na RA, a’ putadh iomadalachd san roinn le bhith a’ brosnachadh chraoladairean sheirbheis phoblaich seilbh a chur gu ruige susbaint airson luchd-amhairc òga.

Bho chaidh am Maoin a stèidheachadh sa Ghiblean 2019, tha a’ choimhearsnachd riochdachaidh san RA air fàilte a chur air, le còrr is 120 tagraidhean air a thighinn mu thràth. Tha dìorras nan riochdairean agus nan craoladairean air leantainn chun nan naoi prògraman seo a bhith a’ faighinn taic, agus a’ sealltainn toiseach tòiseachaidh gealltanach airson am pìleat tri-bliadhna seo.

Tha an sglèat seo a’ freagairt gu soirbheachail ris na raointean cunnairt a chaidh an comharrachadh le Ofcom, leis a’ mhòr chuid de dhuaisean a’ dol gu ruige phrògraman gu sònraichte airson clann nas sine, susbaint gus daoine òga a chuideachadh leis an t-saoghal timcheall orra agus an cothrom beatha chloinne san RA, fhaicinn air sgrion.

Gus an tuilleadh fhaighinn a-mach mun YACF, tadhail air: www.bfi.org.uk/yacf