Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Stiùiriche ùr ga h-ainmeachadh

15 Faoilleach 2020

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air Ealasaid Dhòmhnallach ainmeachadh mar Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taoibh A-muigh.

Bidh an obair ùr a’ leasachadh dhàimhean chudromach agus ag ùrachadh Lèirsinn (Lèirsinn 5-bliadhna na buidhne) le com-pàirtichean airson saoghal nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd. Bidh an obair cuideachd a’ stiùireadh na h-obrach co-cheangailte ri bhith a’ cur air adhart agus a’ lìbhrigeadh ro-innleachdan airson cruth-atharrachadh aig àm làn dùbhlain agus cothroman do MG ALBA agus an cuid chom-pàirtichean sna meadhanan.

Tha Ealasaid a’ tòiseachadh san dreuchd air 27 Faoilleach agus bidh i stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Air a togail ann an Èirisgeigh agus Uibhist a Deas, bha Ealasaid aig àm ag obair air poileasaidhean airson Comhairle Shiorrachd Rinn Friù agus tha i air a bhith a’ fuireach agus ag obair air Eilean Leòdhais thar còig bliadhna, ag obair air a ceann fhèin mar neach-comhairle phoileasaidhean agus cùisean-poblach.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha sinn aig àm cruth-atharrachaidh nach fhacar a-riamh. Bidh Ealasaid a’ cur gu mòr ri sgioba àrd-stiùiridh na buidhne agus tha sinn fìor thoilichte gu bheil i a’ tòiseachadh còmhla rinn gus an fheum as fheàrr a dhèanamh de na cothroman a tha air thoiseach air MG ALBA agus roinn nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd.”