Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Duaisean FilmG 2020

14 Gearran 2020

Tha daoine òga às iomadh ceàrnaidh de na h-Eileanan an Iar a bha an sàs anns na Stailcean Gnàth-shìde a’ nochdadh anns an fhilm AN-DRÀSTA! le Urras Oighreachd Ghabhsainn.

Tha am film stèidhichte air a’ bhuaidh a bheir atharrachadh na gnàth-shìde air na coimhearsnachdan aca fhèin agus air coimhearsnachdan eile air feadh an t-saoghail agus a’ brosnachadh dhaoine a thighinn an sàs ann an iomairtean Atharrachadh na Gnàth-shìde.

Bha Liam Crouse à Uibhist an sàs anns an fhilm. Thuirt Liam: “Tha na h-Eileanan an Iar mar aon de na ciad àiteachan an Alba air an toir atharrachadh sa ghnàth-shìde agus èirigh àirde na mara buaidh. Tha àiteachan leithid Am Bràighe ann an Leòdhas agus Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas ann am fìor chunnart ri linn sìde nas gàbhaidh a thig nas trice. Bha AN-DRÀSTA na chuideachadh airson an cunnart seo a shealltainn do luchd-poilitigs, muinntir nan eileanan agus a’ mhòr-shluagh.”

Mar dhuais, gheibh Urras Oighreachd Ghabhsainn – oighreachd ann an taobh an iar-thuath Leòdhais a bhuineas don choimhearsnachd, £1,000 airson a chosg air uidheam film.

Thuirt Louise Senior aig Urras Oighreachd Ghabhsainn: “Tha na daoine òga a chosg an cuid ùine is neart air an fhilm nan adhbhar brosnachaidh dhuinn uile agus tha sinn fhèin cho toilichte gu bheilear ag aithneachadh an cuid dìchill leis an duais seo. ’S e obair sgioba a bh’ ann, mar sin, feumaidh sinn a thighinn cruinn còmhla feuch ciamar a chuireas sinn an t-airgead a bhuannaich sinn gu feum dhuinn uile.”

’S i Bun-sgoil Stafainn anns an Eilean Sgitheanach a choisinn duais Roghainn an t-Sluaigh ann an co-fharpais theann am-bliadhna. Bha iad air iomairt mhòr air-loidhne a chur an sàs às an d’ fhuair iad 1200 bhòt. Tha an sanas turasachd èibhinn aca, Fàilte don Eilean, a’ toirt seachad comhairle phrataigeach do luchd-turais air mar bu chòir dhaibh an giùlan fhèin nuair a thig iad don eilean.

Thuirt Ceit Fhoirbeis, BPA, a tha na Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconamaidh Didseataich, an dèidh dhi an duais a thoirt seachad: “Chòrd duaisean FilmG rium gu mòr air oidhche anns an deach beairteas de thàlant Gàidhlig agus sgilean sgrìobhaidh is film na Gàidhlig a thaisbeanadh. Bha e na adhbhar toileachais dhomh Duais Roghainn an t-Sluaigh a thoirt seachad do Bhun-sgoil Stafainn airson sealladh ùr èibhinn de chomhairle thurasachd a shealltainn dhuinn.”

Tha FilmG air a lìbhrigeadh le MG ALBA agus leis a’ chompanaidh mheadhanan Cànan Graphics Studio, a tha stèidhichte san Eilean Sgitheanach, airson tàlant anns na meadhanan Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha FilmG na bhun-stèidh do dh’iomadh duine ann an saoghal film is telebhisein Gàidhlig bhon a chaidh a chur air chois o chionn 12 bhliadhna.

Thuirt am Manaidsear Leasachadh Gnìomhachais aig Cànan Graphics Studio, Garry Noakes: “Bha dùbhlan ro na britheamhan airson nan filmichean a bhuannaich a thaghadh. Meal a naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt anns na filmichean agus a dh’fhàg FilmG cho soirbheachail.”

Thuirt Murchadh MacSuain, a tha na Mhanaidsear Conaltraidh aig MG ALBA: “Tha buaidh FilmG air a dhol am meud agus filmichean ann air cùisean cudromach ach tha spòrs is dibhearsan rim faicinn an lùib cruthachadh na susbaint Gàidhlig cuideachd. Bha cuirm na bliadhna-sa math dha-rìribh is sinn a’ taisbeanadh na tha romhainn anns na meadhanan Gàidhlig agus tha fadachd orm fhìn ri tuilleadh fhaicinn bhon a h-uile duine a bha an sàs ann.”

Choisinn Meabh NicCoinnich à Uibhist, a tha a’ nochdadh anns an fhilm, àite air geàrr-liosta Cleasaiche As Fheàrr cuideachd ach ‘s iad Euan MacDhòmhnaill agus Lachlan Peel à Dùn Èideann a ghlèidh an duais luach £200 le chèile leis an fhilm le Lachlan, Àrdan is Aineolas: Soidhnichean. Bha Lachlan, a bhuannaich duais an-uiridh, air ainmeachadh anns na roinnean Film as Fheàrr agus Film Oileanach as Fheàrr leis an fhilm, a thug sùil èibhinn air na dh’fhàgas cuid a dhaoine feargach mu shoidhnichean Gàidhlig.

’S i Shannon NicIllEathain à Tobar Mhoire a ghlèidh Film as Fheàrr agus duais luach £1000 leis an fhilm aithriseach, Seònaid, a tha a’ toirt sùil air beatha Sheònaid NicDhòmhnaill a th’ air a beatha a chur seachad a’ brosnachadh na Gàidhlig ann am Muile. Bha Shannon air a h-ainmeachadh anns an roinn Film Dùthchais as Fheàrr cuideachd.

Chaidh an duais Film Oileanach as Fheàrr agus £1000 a bhuannachadh le Joseph Flower à Dùn Bàrr leis an fhilm, Sgiùradh, a tha stèidhichte air sgeul traidiseanta mu bhean-nighe ach tha car san sgeul. Chan eil a’ Ghàidhlig aig Joseph fhathast ach tha Gàidhlig gu leòr aig a phiuthar, Izzy, a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson a cuid cleasachd san fhilm.

’S e Hamish MacLeòid à Glaschu a choisinn an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas leis an fhilm aithriseach àibheiseach, Aig an Oir, a chaidh fhilmeadh air creag ann an Siorrachd Àir agus anns an deach àirde na creige a chlàradh le dròn. Bha Hamish air ainmeachadh anns an roinn Film as fheàrr cuideachd agus bidh an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas a’ leigeil leis £2,500 a chosg air uidheam film.

Tha Mara Drysdale à Loch Carran air greis-obrach air pròiseact telebhisein tro HIE a bhuannachadh an dèidh dhi an duais Stiùiriche Ùr as Fheàrr a ghleidheadh. Tha am film aithriseach aice, Gualainn ri Gualainn, a’ toirt sùil air eachdraidh sgioba iomain Loch Carran agus cho cudromach ‘s a tha e don choimhearsnachd.

’S i Eilidh NicIain à Inbhir Pheofharain a bhuannaich Film Fòn-làimh as Fheàrr, an dèidh dhi an aon duais a bhuannachadh an-uiridh, an turas seo le Smuaintean an Diabhail, anns am faic sinn boireannach òg air slighe eadar ciall is mì-chiall. Chaidh Eilidh ainmeachadh air geàrr-liosta Cluiche as Fheàrr leis an fhilm seo cuideachd agus tha i air greis-obrach le BBC The Social a bhuannachadh mar dhuais.

’S e Siubhal Gu Sear le Anndra Cuimeanach à Geàrrloch an aon fhilm am-bliadhna a choisinn dà dhuais, Film Aithriseach as Fheàrr agus Duais Ghàidhlig nam Fileantach. Anns an fhilm, chì sinn Anndra a’ siubhal air feadh na h-Alba ann an aon latha air dà roth.

Chaidh Film as Fheàrr an Roinn na h-Òigridh a bhuileachadh air Acadamaidh Chùil Lodair an Inbhir Nis airson an fhilm èibhinn aca, Eilean nam Muc, anns a bheil tuathanach a’ feuchainn ri marag dhubh nas bàidheile a thoirt gu buil.

Choisinn Àrd-sgoil Àird nam Murchan ann an Àth Tharracail dà dhuais airson an dà fhilm aca am-bliadhna. Chaidh an sgoil ainmeachadh ceithir tursan uile gu lèir agus nach iad a bha airidh air an duais Riochdachadh Eadar-nàiseanta FilmG airson Reòite agus Duais Ghàidhlig an Luchd-ionnsachaidh airson An Cuach, na h-Iuchraichean agus an Dron.

’S i Alice Ghòrdan à Glaschu a choisinn an duais Filmeadair Òg as Fheàrr leis an fhilm inntinneach aice, An Losgann agus An Sgairp, a tha a’ toirt an luchd-amhairc air turas don taobh dhorcha de saoghal nam blogaichean. Chaidh Alice ainmeachadh air geàrr-liosta Cluiche as Fheàrr cuideachd airson a cuid cleasachd san fhilm le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Ar Solas.

Agus ’s e sgoilear eile aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Conor Galbraith, a choisinn an duais Cluiche as Fheàrr mar Detective John Reid anns an dràma poilis, Fo Chasaid Muirt.

Chaidh an duais Riochdachadh as Fheàrr a bhuileachadh air Àrd-sgoil a’ Phluic ann an Siorrachd Rois airson an dràma eucoir aca, An Corp, anns a bheil murt is amharas air an taobh siar.

Ghlèidh Sgoil an Rubha ann an Eilean Leòdhais an duais airson Film as Fheàrr le Buidheann Òigridh le Cuairt Cuimhne anns a bheil sgeul cridheil mu na dòighean as urrainn dhuinn ionnsachadh is taic a chumail ri càch a chèile thar nan ginealaichean.

Thèid prògram cuirm duaisean FilmG aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu a chraoladh air BBC ALBA, Dihaoine, 21 An Gearran, aig 9.00f.