Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Clàran ùra BBC ALBA and Radio nan Gàidheal

30 Màrt 2020

Bheir clàran BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal fiosrachadh, taic agus cur-seachad do luchd-amhairc agus do luchd-èisteachd aig an àm neo-àbhaisteach a tha seo. Bidh na seirbhisean a’ lìbhrigeadh prògraman Naidheachd, Foghlaim agus pailteas stuthan Chloinne, Ceòl, Spòrs agus Creideamh thar ùrlaran gus dèanamh cinnteach gu bheil taic is companas aig an luchd-amhairc nuair a dh’fheumas iad e.

Naidheachdan: tha na naidheachdan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta, air leth cudromach agus tha sgiobaidhean nan naidheachdan ag obair gus dèanamh cinnteach gu lean prògraman agus gu bheil na prìomh theachdaireachdan furasta an lorg agus an co-roinn.

Bho Dhiluain 30 Màrt, an cois naidheachdan An Là bidh fiosrachadh bho choimhearsnachdan a thuilleadh air prògram goirid ùr, thar-ùrlar, A-staigh, a bhios a’ taisbeanadh seallaidhean pearsanta dhaoine bho thall ’s a-bhos mu mar a tha a’ dol leotha le fèin-aonarachd agus a’ fuireach a-staigh.

Air Radio nan Gàidheal, bidh Aithris na Maidne a’ tòiseachadh aig an àm àbhaisteach, 0730 agus a’ dol gu Prògram Choinnich aig 0830 gus leantainn le meòrachadh is deasbad air cuspairean an là.

Foghlam/Clann: tha BBC ALBA a’ trusadh cruinneachadh de phrògraman cur-seachad is foghlaim airson clann a bhios air an t-seanail TBh, air an iPlayer agus air YouTube. A-màireach (31 Màrt) bidh a’ chiad chruinneachadh a’ nochdadh air an iPlayer, le taghadh de dh’obair an sgrìobhaiche ainmeil chloinne, Julia Donaldson. Bidh am fios as ùire mun seo air duilleagan mheadhanan sòisealta MG ALBA agus BBC ALBA sna làithean air thoiseach.

Creideamh: bidh stuthan ùra, a thuilleadh air seirbhisean bhon tasglann, air BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal. Bho 29 Màrt, gach Didòmhnaich bidh uair a thìde de phrògraman creideimh bho 1850-2000 air BBC ALBA. ’S ann bho Àrd-Eaglais na h-Aoidhe san Òban a thàinig a’ chiad seirbheis, leis An Athair Dòmhnall MacAoidh nach maireann aig ceann na seirbheis. Tha sin ri fhaicinn a-nis air an iPlayer.

Spòrs: bidh BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal a’ cumail prògraman spòrs agus dibhearsain sa chlàr. Gach Disathairne bho 4 Giblean aig 1800, bidh sreath ùr le taghadh bho phrògraman spòrs eadar-dhealaichte, a’ tòiseachadh le rugbaidh nam ban. Leanaidh Spòrs na Seachdain air Radio nan Gàidheal, a’ togail deasbad beothail, fiosraichte air iomadh chuspair spòrs gach madainn Disathairne aig 0900. Agus bidh BBC ALBA a’ toirt sùil air ‘geamaichean òir’ bhon tasglann sna seachdainean air thoiseach.

Cultar: bidh sreath ùr a’ tighinn, a’ cleachdadh teicneòlas gus luchd-ciùil an Alba agus air feadh an t-saoghail a thoirt còmhla agus a-steach gu ar dachannan bho na dachannan aca-san. Bidh Robert Robertson cuideachd ma sgaoil agus a’ rùileach san tasglann, gus toirt thugainn an taghadh aige de luchd-ciùil thar nam bliadhna.

Tha riochdairean BBC ALBA ag obair gu dìcheallach a’ deasachadh stuth ùr ann an dòighean ùra cruthachail gus dèanamh cinnteach gus am bi pailteas aig an luchd-amhairc ri fhaicinn agus ri èisteachd ris sna seachdainean agus mìosan air thoiseach.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Gàidhlig a’ BhBC: “Ag obair cuide ri ar com-pàirtiche MG ALBA agus le riochdairean air feadh Alba, tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean Gàidhlig freagarrach agus sùbailte aig an àm-sa, a’ tairgse raon farsaing de sheirbheisean. Tha e na phrìomhachas gum bi sinn a’ lìbhrigeadh naidheachdan gu cunbhalach agus gu h-èifeachdach; gu bheil sinn a’ tabhann chothroman airson cnuasachadh spioradail; gu bheil goireasan airson daoine òga rim faighinn ann an àiteachan freagarrach agus gu bheil sinn a’ tabhann cuideachd agus cur-seachad fhad ’s a tha sinn a’ fuireach am broinn an taighe.”