Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Dràma chloinne BBC ALBA air ainmeachadh airson duais RTS Scotland

6 Cèitean 2020

Tha BBC ALBA air àite a chosnadh air geàrr-liosta duaisean Royal Television Society (RTS) ALBA 2020 airson an dràma chloinne an-àbhaisteach, Rùn.

’S e sgeulachd anns am faighear togail agus tlachd a th’ ann an Rùn, le saoghal balach òg bodhar a’ sìor atharrachadh ri linn caraid ceithir-chasach ùr a tha a’ toirt dha a’ chlaisneachd nach robh a-riamh aige.

Tha duaisean RTS ALBA a’ comharrachadh sàr-mhathas ann an gnìomhachas telebhisein thar farsaingeachd de ghnèithean phrògraman agus sgilean craolaidh.

Tha am prògram air ainmeachadh ann an roinn na Cloinne, agus tha aodainn aithnichte cleasachd Ghàidhlig a’ nochdadh ann, leithid Carina NicLeòid agus Calum MacFhionghain.

Thèid an dràma goirid a shealltainn ann an Gàidhlig agus BSL (Cànan-Soighnidh Bhreatainn) air feadh na Roinn Eòrpa, mar phàirt de sgeama Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU).

Fhuair am prògram, a bha air a riochdachadh le Sorbier Productions à Glaschu, maoineachadh bhon mhaoin ùr Young Audience Content Fund (YACF), a tha air a stiùireadh le Institiud Film Bhreatainn (BFI).

Thuirt Patsi NicChoinnich, stiùiriche Sorbier Productions;

“Tha Rùn a’ toirt seachad sgeulachd chàirdeas agus ion-ghabhalachd, rudan a tha cudromach ann an gach cultar agus cànan, agus tha e misneachail gu bheil duaisean RTS air aire a thoirt dhan sin, agus dhuinne, a-rithist.”

Tha BBC ALBA air pàirt a ghabhail anns an sgeama dhràma aig an EBU airson grunn bhliadhnaichean, agus bhuannaich an taghadh aca an-uiridh, Buidheagain, a bha cuideachd le Sorbier Productions, an duais airson Prògram Chloinne as Fheàrr aig duaisean RTS Alba 2019.

Thuirt Uilleam MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh MG ALBA, a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC:

“Tha an susbaint chloinne air BBC ALBA dìreach mìorbhaileach, agus on a tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Sorbier, tha filmichean àlainn air a bhith againn thairis air na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.”

“Tha sinn a’ cruthachadh susbaint a bhuineas do gach seòrsa luchd-amhairc, agus le bhith ag obair còmhla ri buidhnean eadar-nàiseanta agus com-pàirtichean, tha sin a’ ciallachadh gum faod sinn barrachd iomadachd agus seallaidhean ùra a thoirt dhan luchd-amhairc againn fhèin. Bha e air leth cudromach dhuinn a bhith a’ toirt an dà chuid Gàidhlig agus BSL còmhla. Tha e a’ sealltainn sgil an stiùiriche, nan sgrìobhadairean agus nan cleasaichean nach eil bacadh ann bhon mheasgachadh de chànanan idir – ’s e sgeulachd iongantach a th’ ann gu h-iomlan”.

Ri linn suidheachadh a’ Choròna-bhìorais, cha bhi cuirm dhuaisean RTS Alba ann am-bliadhna, ach thèid na buannaichean ainmeachadh air 3 Ògmhios 2020.