Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA a’ cur fòcas air na meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd

1 Iuchar 2022

Tha an t-amas aca airson nam meadhanan Gàidhlig a’ stiùireadh slighe MG ALBA agus iad a’ foillseachadh na h-Aithisg Bhliadhnail aca ann am bliadhna far a bheil buaidh agus luach nam meadhanan Gàidhlig air a bhith a’ sìor fhàs.

Anns an Aithisg Bhliadhnail tha àrd-shealladh air na prìomh amannan a tha MG ALBA agus roinn nam meadhanan Gàidhlig san fharsaingeachd air fhaicinn tron ​​bhliadhna, le raon farsaing de phrògraman agus iomairtean le fòcas air na meadhanan a’ taisbeanadh suidheachadh bheothail nam meadhanan Gàidhlig thar raon de ùrlaran.

Chan eil an aithisg às aonais draghan. Sheall an àireamh ìosal de sheallaidhean iPlayer buaidh lùghdachadh ann an susbaint ùr, cha robh an ìre bheag de dhràma is de chomadaidh gu leòr airson an luchd-amhairc nas òige leis am feum BBC ALBA a dhol an sàs.

B’ e bliadhna a bha seo far an robh e riatanach an t-àm ri teachd airson nam meadhanan Gàidhlig a dhèanamh tèarainte ann an saoghal mheadhan didseatach. Chruthaich an com-pàirteachas air cùl SpeakGaelic prògram ionnsachaidh ioma-chruth, ùr-ghnàthach agus beothail airson na Gàidhlig, ag ùrachadh comas ar cànan ionnsachadh san t-saoghal dhidseatach agus a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha co-obrachadh gus toraidhean a choileanadh.

Sheall measadh buaidh eaconamach bho Ekos toradh air tasgadh de £1.34 air a h-uile £1 a chaidh a chosg air na meadhanan Gàidhlig, a’ sealltainn carson a chur MG ALBA sealladh air adhart airson an ama ri teachd – Lèirsinn: Mapa Slighe airson nam Meadhanan Gàidhlig – a tha àrd-amasach ach a sheallas na dh’fhaodadh fìor sheilbheachd a thoirt. Tha Cathraiche MG ALBA, Ailean Dòmhnullach, ag ràdh anns an teachdaireachd bhliadhnail aige nam biodh maoineachadh MG ALBA air cumail an àirde ris an atmhorachd on chaidh BBC ALBA a stèidheachadh ann an 2008, bhiodh bun-mhaoineachaidh airson na bliadhna seo mu £20 millean seach an dearbh ìre aig a bheil e de £12.8 millean:

“Chan eil BBC ALBA an-dràsta uidheamaichte gus lìbhrigeadh don luchd-amhairc a tha e a’ frithealadh na tha iad airidh air.  Feumaidh rèiteachadh ùr a bhith ann airson nam meadhanan Gàidhlig a tha a’ sealltainn an suidheachadh a th’ againn an-dràsta, agus tha MG ALBA ag obair gu dlùth le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA gus seo a lìbhrigeadh. Tha e deatamach gun tèid meadhanan Gàidhlig a dhèanamh tèarainte san raon dhidseatach mar phrìomh phàirt airson àm ri teachd na Gàidhlig taobh a-staigh ar coimhearsnachdan.”

A’ bruidhinn aig àm foillseachaidh na h-Aithisg Bhliadhnail, thug an t-Àrd-Oifigear Dòmhnall Caimbeul sùil chun àm ri teachd ach dh’aidich e gu bheil feum air seilbheachd gus MG ALBA a lìbhrigeadh, is e ag ràdh:

‘’Tha MG ALBA moiteil ar lèirsinn mu na meadhanan Gàidhlig a thaisbeanadh, a’ mìneachadh dè ghabhas coileanadh leis a’ mhaoineachadh cheart. Tha an dìth mhaoineachaidh seo a-nis a’ toirt buaidh mhòr air ar comas seirbheis a thoirt do luchd-amhairc leis an raon fharsaing agus eadar-mheasgte de shusbaint a tha iad airidh air, gu sònraichte ann an àm sruthadairean cruinneil far a bheil farpais làidir ann airson luchd-amhairc. Feumar aghaidh a chur air seo ma tha sinn gu bhith misneachail mu sheirbheis mheadhanan Gàidhlig san àm ri teachd a bhios iomchaidh san àm dhidseatach ùr don luchd-amhairc againn air fad.”

Faodar Aithisg Bhliadhnail MG ALBA 2021/22 a leughadh an seo.