Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Soirbheachas san àm ri teachd am fòcas le MG ALBA a’ toirt seachad cùmhnant FilmG

20 Ògmhios 2022

Tha MG ALBA air leth toilichte innse gu bheil a’ chompanaidh mheadhanan agus pròiseactan a tha stèidhichte ann an Steòrnabhadh, Astar Media, air cùmhnant dà bhliadhna a ghlèidheadh gus farpais film goirid Gàidhlig FilmG a lìbhrigeadh.

Bidh e an urra ri Astar Media àite FilmG mar mheadhan leasachadh tàlant a neartachadh agus ìomhaigh na farpais àrdachadh mar chomharrachadh air an t-susbaint dhidseatach a bhios ginealaichean ùra de luchd-labhairt misneachail na Gàidhlig a’ cruthachadh.

Tha FilmG air mòran de na farpaisich fhaicinn a’ dol air adhart gu bhith a’ leasachadh dhreuchdan anns na meadhanan agus cuideachd gu bhith a’ faighinn tuilleadh aithne sa ghnìomhachais. Bho chaidh a chuir air bhog ann an 2008, tha còrr air 1000 film air nochdadh rè na co-fharpais. Tha seo air buaidh mhòr a thoirt air an àireamh de shusbaint Gàidhlig ùr is tarraingeach, le prìomhachas air cruthachadh coimhearsnachd didseatach sa Ghàidhlig.

Gach bliadhna, thig an fharpais gu crìch le curim dhuaisean a bhios ga craoladh air BBC ALBA.

Bha an fharpais air a lìbhrigeadh roimhe seo leis a’ chompanaidh ioma-mheadhain Cànan Graphics Studio (CGS).

Thuirt Alison Bhrus, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean aig MG ALBA:

“Tha a bhith a’ brosnachadh filmeadairean gu bhith an sàs ann an gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig air a bhith aig cridhe FilmG bhon toiseach. Tha CGS air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ coileanadh an amais seo bho thòisich an fharpais agus bu mhath le MG ALBA taing a thoirt dhan a h-uile duine aig CGS airson FilmG a leudachadh gu far a bheil e an-diugh.  Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Astar Media gus leantainn air adhart a’ leasachadh agus a’ togail air soirbheachas na farpais am measg luchd-labhairt na Gàidhlig de gach aois is comas. Tron phròiseas tairgse, bha sinn gu sònraichte toilichte leis an t-sealladh àrd-amasach a bh’ aig Astar Media airson a bhith a’ leasachadh a’ cho-fharpais le cànan is cultar na Gàidhlig aig cridhe na h-obrach.”

Thathas a’ brosnachadh filmeadairean òga agus filmeadairean proifeiseantaich le chèile sùil a chumail a-mach airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a chuireas tu a-steach airson farpais FilmG15 na bliadhna-sa anns na mìosan a tha romhainn.