Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Buannaichean Farpais Filmichean Gàidhlig FilmG

25 Gearran 2022

Chaidh buannaichean co-fharpais cliùiteach nam filmichean goirid Gàidhlig FilmG 2022 ainmeachadh a-nochd (Dihaoine, 25 Gearran) ann an cuirm shònraichte air BBC ALBA.

Chaidh tòrr de na buannaichean thairis air na 17 roinnean a thoirt a-steach don studio air bhideo gus an duais aca a thogail agus còmhradh fhaighinn le Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, gaisgich a’ cho-fharpais a tha aig stiùir a’ phrògraim.

Chaidh am prògram sònraichte a shealltainn air BBC ALBA a-nochd (Dihaoine 25 Gearran) agus bidh e ri fhaotainn airson 30 là dèidh làimh air iPlayer a’ BhBC.

Lean filmichean cuspair na bliadhna-sa Lorg, agus le còrr is 90 filmeadairean a’ feuchainn ri slighe na buannachd a lorg, ’s e dùbhlan nach beag a bha ro na britheamhan is iad a’ feuchainn ri na filmichean as fheàrr a thaghadh thairis air iomadh latha.

Thog Parker Dawes (14), sgoilear bho Àrd-sgoil Àird nam Murchan ann an Loch Abar trì duaisean – Filmeadair Òg as Fheàrr, Film as Fheàrr le Fileantach agus Riochdachadh as Fheàrr, airson an fhilm èibhinn, làidir agus aithghearr Spies-R-Us.

Thuirt Parker: “Thagh sinn an cuspair spìothaireachd air sàillibh gun robh e calg dìreach an-aghaidh cuspair an fhilm a rinn sinn an-uiridh, nach do thog duais sam bith.
“Bha sinn airson fhaighinn a-mach am faigheadh film làn ‘action’ toraidhean diofraichte – agus dh’obraich sin! Chruthaich mi clàr-sgeòil, is bha ‘crash mats’ againn, is mar sin bha a h-uile càil air a phlanadh mar a bha còir.

“Tha mi a-riamh air a bhith dèidheil air filmeadaireachd, agus bha a’ cho-fharpais bho thùs na dheagh shamhla de rudeigin san robh mi ag iarraidh a bhith an sàs. Tha mi cho toilichte na duaisean seo a thogail oir gur e briseadh-dùil a bh’ ann an-uiridh – bha e sgoinneil a bhith air ‘àrd-ùrlar’ mar bhuannaiche.

‘S e film dealbh-beò le Alina Brust à Dùn Èideann a bhuannaich ‘Film as Fheàrr’ anns an Roinn Fhosgailte, agus seo a’ chiad turas a ghlac film dealbh-beò an duais seo aig FilmG.

Tha an ‘An Taigh Solais’ a’ leantainn bana-bhuachaille a tha a’ feuchainn ri caora a lorg an dèidh dhi a dhol air iomrall, ach thèid aig a’ bhuachaille ri fhasgadh fhaighinn ann an taigh-solais falamh gus dìon fhaighinn bhon stoirm a-muigh. Air sàillibh a’ phandeimig, cha robh cothrom aig Alina goireasan na h-oilthighe aice a chleachdadh, is mar sin rinn i am film air fad bhon t-seòmar-cadail aice.

Thuirt Alina (23): “Bidh mi a’ faighinn brosnachadh bho cruth-tìre na h-Alba agus a cladaichean, gu sònraichte an taigh-solais agus na creagan mun chuairt air Cill Aba, a tha mar aon de na h-àitichean as fheàrr leam. Tha taighean-solais cuideachd gu math freagarrach airson sgeulachdan os-nàdarrach innse.

“’S e cothrom a bh’ anns an fhilm seo airson dà rud air a bheil mi dèidheil a thoirt còmhla; ealain agus cànain.

“Tha mi cho taingeil gun d’ fhuair mo chuid shaothair buannachd às – mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, ’s e comharra cho sònraichte a th’ ann dhomh.”

A’ togail an duais airson an Riochdachadh as Fheàrr (fo aois 12), bha am film Còignear air Chall (5 Lost Souls) le Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich ann an Dùn Omhain a’ leantainn còignear chàraidean is iad a’ gabhail turas eagalach gu aon de na h-àitichean eachdraidheil anns a’ bhaile.

’S e film mu dheidhinn coiseachd-beinne agus sgràmlachadh mar dhòigh air sealladh ùr fhaighinn air an t-saoghail bho os cionn nan gleanntan fuara, dorcha agus àrd os cionn nan sgothan, ‘Thar nan Sgòth – Beinn Eighe’ le Anndra Cuimeanach à Geàrr Loch a tha air an duais airson Film Aithriseach as Fheàrr a ghlèidheadh (12-17).

Anns an Roinn Fhosgailte, ’s e film-aithriseach goirid air a bheil ‘A’ Mhuir’ mu dheidhinn snàmh a-muigh, agus na h-oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig a bhios a’ dol an-sàs anns a’ ghnothach, a tha air dà dhuais a thogail; Film Dùthchais agus Stiùiriche as Fheàrr (Anna Garvin).

’S i Emily Mhoireach (21) à Leòdhas, a thog an duais as leth a’ chùrsa.

Thuirt i: “’S e cothrom math a bh’ ann am FilmG airson a bhith a’ cur nan sgilean a bha sinn air a bhith ag ionnsachadh anns a’ chlas gu feum ann an da-rìreabh, leithid a bhith ag obair le camara, fuaim agus a bhith a’ gearradh.”

Thuirt Anna Garvin (23) às an Òban, a tha na h-oileanach anns na meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig: “’S e urram a th’ ann seo a bhuannachadh. B’ e seo a’ chiad turas agam a bhith mar stiùiriche agus dh’ionnsaich mi an t-uabhas mu na sgilean a tha a dhìth airson deagh stiùireadh bho bhith ag obair air an fhilm seo.

“’S e cothrom sgoinneil a bh’ ann a bhith a’ cur film a-steach do FilmG airson nan sgilean teicnigeach agus riochdachaidh a bha sinn air ionnsachadh gu ruige sin gus film a chruthachadh a rachadh a shealltainn don phobaill.”

Ghlac ‘Am Buaile Dubh’, a tha gar toirt air cuairt air oir bhaile Inbhir Nis, duais airson an Cluiche as Fheàrr airson riochdaire agus neach-aithris an fhilm, Eòghan Stiùbhart.
Tha Eòghan (40), à Inbhir Nis, na thidsear Gàidhlig le còrr is 5k luchd-leantainn air Instagram airson nam bhidiothan ionnsachaidh Gàidhlig aige. Bidh e cuideachd gu mòr a’ putadh slàinte-inntinn fhir san obair aige.

Thuirt e: “Chaidh mi dhan Bhuaile Dhubh tòrr thairis air a’ ghlasadh; ’s e àite sònraichte a th’ ann airson a bhith a-muigh agus a’ dèanamh eacarsaich. Tha e a’ ceadachadh dhomh a bhith beò san t-saoghal beag agam fhèin agus tha e feumail airson mo shlàint-inntinn.

“Airson an fhilm seo, sgrìobh mi òraid mu na tha an t-àite a’ ciallachadh dhomh agus chuir mi seo ris na dealbhan agam fhèin agus mapaichean an àite gus an làrach a chur air aire dhaoine.
“’Cha robh dùil agam ris an duais, agus ’s e urram a bh’ ann. Bha e dìreach smodaig G mòr buidhe a bhuannachadh.”

Bhuannaich ‘Eilean Lois’ le Somhairle MacIain à Cathair Ceann Tulaich, Siorrachd Dùn Bhreatann an Ear an duais airson Film Oileanach as Fheàrr. Tha am film ga leantainn fhèin agus a bhràmair, Lois, agus iad a’ dol air chuairt rothaireachd nan Innse Gall as t-samhradh, is e ag ionnsachadh na Gàidhlig dhi.

Thuirt Somhairle, a bha a-cheana na sgoilear aig Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig, agus a tha a-nise a’ dèanamh cùrsa sna meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig: “Chuir mi a-staigh dhan cho-fharpais oir gun robh mi airson film a rinn mi fhèin a thaisbeanadh fhad ‘s a bha e comasach dhomh a bhith a’ cleachdadh an uidheamachd bhon chùrsa, leithid bathar-bog gearraidh.

“Tha mi airson an t-airgead a chur a dh’ionnsaigh camara dhomh fhèin gum faigh mi air cumail orm le bith a’ dèanamh fhilmichean às dèidh dhan chùrsa agam a thighinn gu crìch.”

Thuirt Debbie NicAoidh, Manaidsear Phròiseict aig CGS a tha a’ lìbhrigeadh a’ phròiseict; “’S e bliadhna air leth eile a bh’ ann a thaobh inntrigidhean, agus bha sinn gu h-àraidh riaraichte leis an àrd-ìre de sgilean sgeòil agus filmeadaireachd am measg nan roinnean òigridh. Leis a’ cho-fharpais a’ sìor fhàs, tha sinn a’ faicinn nam filmeadairean gam putadh fhèin gu ìre eile a-rithist agus a-rithist. ’S e urram a th’ ann a bhith mar phàirt den phròiseact.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA: “Tha FilmG daonnan air a bhith cho cudromach do na meadhanan Gàidhlig air fad, agus do na filmeadairean agus buidhnean fa leth a bhios a’ gabhail pàirt ann gach bliadhna.

“Tha e sònraichte a bhith a’ faicinn an tàlaint a’ tighinn tro na raingean agus a’ leasachadh a’ cheàird aca gus aon de na duaisean cliùiteach a thogail, agus tha e mar theisteanas dha ar miann a bhith a’ cumail oirnn a’ leasachadh bun-stèidh tàlaint Gàidhlig gun choimeas, an dà chuid air beulaibh, agus air cùl a’ chamara airson nam bliadhnaichean a tha air thoiseach oirnn.”

Tha gach film bho fharpais na bliadhna-sa ri fhaicinn air làrach-lìn FilmG: www.filmg.co.uk