Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

BBC ALBA a’ craoladh geama-dearbhaidh cudromach aig Mnathan Alba airson Cupa Rugbaidh Cruinne nam Ban

3 Gearran 2022

Bidh Alba a’ farpais airson an àite mu dheireadh aig Cupa Rugbaidh Cruinne nam Ban ann an Sealainn Nuadh, agus iad dol an aghaidh Coloimbia no Casagstan aig Pàirc Sevens, Dubai air 25 Gearran.

Thèid co-fharpaisich Alba an dearbhadh air 19 Gearran an dèidh do Choloimbia agus Casagstan a’ farpais gus faighinn dhan gheama-dearbhaidh shònraichte seo.

Bidh susbaint agus co-aithris fad a’ gheama bho Ùisdean MacIllInnein air BBC ALBA bho 15.00 air Dihaoine 25 Gearran.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun gheama, sgioba agus farpais nas fharsaing, faic https://bit.ly/34ew7qT