Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA a’ cur fàilte air gealltanas bhon BhBC a thaobh HD airson BBC ALBA

22 Dàmhair 2021

Tha MG ALBA air fàilte a chur air fios bhon BhBC gu bheil Àrd Dheifinisean (HD) a’ tighinn gu BBC ALBA.

An-dràsta, chan fhaigh luchd-coimhid prògraman na seanail ach a-mhàin aig ìre Deifinisean Coitcheann (SD), ged a tha cuid de shusbaint ri fhaotainn ann an HD air iPlayer a’ BhBC.

Tha seo mar phàirt de phròiseas far am bi am BBC a’ cur air bhog tionndaidhean HD de BBC One anns gach sgìre ann an Sasainn, a thuilleadh air cuid de phrìomh-sheanailean nach eil an-dràsta ri fhaotainn ann an HD.

Tha am BBC air innse gur e pròiseact ceum air cheum a bhios ann an atharrachadh gu HD, ach tha dùil ann gun tèid a choileanadh ro dheireadh 2022.

A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul: “Tha MG ALBA a’ cur fàilte air a’ ghealltanas seo airson HD air BBC ALBA. Bidh sinn a’ strì gus sàr-shusbaint a thoirt chun luchd-amhairc againn, agus nì e diofar mhòr dhaibh cothrom a bhith aca prògraman fhaicinn a tha gan craoladh ann an HD. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris a’ BhBC gus pròiseas atharrachaidh HD a tha rèidh a thoirt gu BBC ALBA.”