Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Co-Obrachadh Spòrs leudaichte eadar BBC Scotland/BBC ALBA

22 Dàmhair 2021

Tha BBC Scotland agus BBC ALBA gu bhith a’ leudachadh a’ cho-obrachadh craoladh spòrs anns a bheil iad air a bhith an sàs o chionn ghoirid, le roghainn aithris Beurla gu bhith air a dhèanamh comasach le BBC Scotland co-cheangailte ri craolaidhean BBC ALBA de gheamannan deuchainn Cupa na Cruinne sgioba nàiseanta bhoireannach na h-Alba.

Tha an roghainn leudaichte seo don luchd-amhairc a’ tòiseachadh le craoladh oidhche Haoine (a-nochd) air BBC ALBA de gheama na h-Alba an aghaidh na h-Ungair aig Hampden.

Leanaidh an roghainn thairis air a’ chòrr de gheamannan deuchainn Cupa na Cruinne aig an sgioba nàiseanta, a thuilleadh air geama càirdeil an sgioba an aghaidh an t-Suain an ath sheachdain, agus tha iad sin uile rim faighinn air BBC ALBA a-mhàin.

Tha an gluasad a’ togail air co-obrachadh mar a chunnacas le Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd a chaidh a chraoladh air BBC ALBA airson a’ chiad uair na bu thràithe air a’ bhliadhna, le geàrr-chunntas ri fhaicinn às dèidh làimh air BBC Scotland.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-ùrlair MG ALBA “Tha sinn moiteil às na tha BBC ALBA air a choileanadh ann a bhith a’ taisbeanadh spòrs bhoireannach ann an Alba, gu sònraichte sgioba ball-coise nàiseanta nam boireannach.

“Tha ar com-pàirteachas leis a’ BhBC a’ toirt cothrom do BhBC ALBA, a tha na ùrlar saor-chraolta (free-to-air), ìomhaigh spòrs bhoireannach a mheudachadh, agus tha an ceum ùr seo a’ toirt cothrom dhuinn obrachadh le BBC Scotland gus roghainn aithris a thabhann airson geamannan an sgioba nàiseanta.

“Bu chòir barrachd roghainn, le àrdachadh ann an sanasachd thar sheirbheisean BBC Scotland, ìomhaigh nan geamannan sin àrdachadh.

“Tha e a’ sealltainn cuideachd mar as urrainn do BhBC ALBA agus BBC Scotland a bhith ag obair còmhla mar chom-pàirtichean saor-chraolta airson buannachd luchd-amhairc spòrs bhoireannach agus luchd-ùidh spòrs.

“Bheir an gluasad seo fuasgladh don luchd-amhairc gu craoladh àbhaisteach BBC ALBA, a’ gabhail a-steach na tha ri fhaicinn aig leth-ùine, agus aig an aon àm a’ toirt cothrom do luchd-amhairc an cànan aithris as fheàrr leotha a thaghadh airson a’ gheama.

“Tha sinn a’ faicinn craoladh spòrs BBC ALBA mar dhoras cudromach don Ghàidhlig dhaibhsan aig nach eil Gàidhlig, agus tha an doras sin fhathast cho fosgailte ’s a ghabhas.”

Thuirt Louise Thornton, Ceannard Coimiseanaidh aig BBC Scotland:

“Tha BBC Scotland dealasach ann a bhith a’ taisbeanadh ball-coise nam ban ann an Alba agus ann a bhith a’ togail ìomhaigh a’ gheama.

“Le bhith ag obair gu dlùth le ar com-pàirtichean aig BBC ALBA, tha sinn ag amas air luchd-amhairc ùr a thabhann agus togail air buaidh nan geamannan seo.

“Tha làn fhios againn cho cudromach ’s a tha spòrs beò don luchd-amhairc agus leanaidh sinn ann a bhith a’ leudachadh dòighean innleachdail an craoladh beò seo a thaisbeanadh”

Airson faighinn gu na roghainnean aithris, bu chòir luchd-amhairc na leanas a dhèanamh:

• TBh Ceangailte (TBh ceangailte ris an eadar-lìon): Brùth am Putan Dearg, thig Clàr am bàrr, tagh ‘Scotland v Hungary (English)’. Faodaidh luchd-amhairc tilleadh gu aithris Ghàidhlig le bhith a’ taghadh ‘Exit’ no le bhith a’ tilleadh air ais gu seanail BBC ALBA
• TBh No-cheangailte (TBh nach eil ceangailte ris an eadar-lìon): Brùth am Putan Dearg agus tagh ‘SCO v HUN (English)’. Faodaidh luchd amhairc tilleadh gu aithris Ghàidhlig le bhith a’ taghadh SCO v HUN (Gaelic) no fàgail agus tilleadh gu seanail BBC ALBA.

Tha taghadh de gach aithris cuideachd ri fhaighinn air BBC iPlayer