Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Ar n-àrainneachd air BBC ALBA tro COP26

19 Dàmhair 2021

Le COP26 a’ tighinn a Ghlaschu, tha BBC ALBA a’ gealltainn taghadh farsaing de phrògraman co-cheangailte ris a’ ghnàth-shìde, a’ cur a’ chàirdeis a th’ againn leis an àrainneachd fon phrosbaig.

Le buaidh atharrachadh na gnàth-shìde ga fhaireachdainn air feadh an t-saoghail, bho thuiltean anns a’ Ghèarmailt gu teintean ann an Àstrailia, agus crìonadh nan cladaichean ann an Uibhist nas fhaisge oirnn buileach, tillidh sgioba Eòrpa (prògram cùisean-làitheil a tha air BAFTA a choisinn a-cheana) le earrann fad uair a thìde. Ann an Eòrpa: An Deasbad | The Debate, thèid beachdan dhaoine àbhaisteach bho air feadh an t-saoghail a thrusadh gus faighinn a-mach dè tha air an aire a thaobh na h-àrainneachd, agus mar as urrainnear adhartas a dhèanamh.

Thig panail de eòlaichean cruinn còmhla fo stiùir an tè-naidheachd Anna NicLeòid airson Eòrpa: An Deasbad |The Debate, gus beachdachadh air na co-dhùnaidhean cruaidhe a bhios mu choinneimh ceannardan na cruinne agus iad a’ feuchainn ri aonta a ruigsinn air dìon ar planaid. ‘S iad sin eòlaiche na gnàth-shìde an t-Oll June Ghreumach, neach-iomairt na h-àrainneachd Babs NicGriogair, na h-eòlaichean cumhachd ath-nuadhachail Eilidh NicAonghais agus Aonghas MacAoidh, agus an t-eòlaiche eaconomach Coinneach MacMhathain.

Thuirt Iona NicRisnidh, riochdaire Eòrpa: An Deasbad: “Le co-labhairt COP26 air ar starsaich ann an Glaschu, bha sinn a’ smaointinn gum biodh e uabhasach cudromach aire dhaoine a tharraing chun nan cuspairean mòra a tha co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde agus na dùbhlain a tha romhainn uile ann a bhith a’ dèiligeadh ris an staing. Tha sgioba Eòrpa ro thoilichte gun deach againn air panail de shàr-eòlaichean a thoirt ri chèile gus beachdachadh air cuspairean a tha cudromach do Ghaidheil anns a h-uile ceàrnaidh de dh’Alba agus nas fhaide air falbh.”

Tha an àrainneachd aig cridhe phrògraman BBC ALBA an-dràsta, le Dòmhnall MacSuain (An Lot, The Misadventures of Romesh Ranganathan) – croitear air mhuinntireas BBC ALBA, a tha stèidhte air Eilean Leòdhais – a’ faighneachd dè ’s urrainn dha-san a dhèanamh gu prataigeach airson diofar a dhèanamh don àrainneachd ann am Mac ’S Uaine | MacSween goes Green, is e a’ tadhal air diofar iomairtean uaine, a thuilleadh air a bhith a’ meòrachadh dè a’ bhuaidh a bhiodh aig atharrachadh na gnàth-shìde air gu pearsanta, gu h-ionmhasail agus gu cultarail.

Ge bith an toradh a thig à COP26, chan eil teagamh sam bith ann gur ann air an fheadhainn as òige air an toir e buaidh. Bidh Uaine | Green, sreath sònraichte ùr airson CBBC ALBA a’ coimhead air an seo, le preseantair Calum Dòmhnallach a’ siubhal air feadh Alba, a’ tadhal air iomadh àite uaine – bho aiseag ‘hybrid’ san Eilean Sgitheanach gu tuathanas gaoithe Whitelee, faisg air Glaschu, agus stèisean cumhachd uisge Foithir, air bruachan Loch Nis – gus faighinn a-mach mar a tha iad a’ toirt deagh bhuaidh air atharrachadh na gnàth-shìde.

Le sùil an-dràsta air dè nì luchd-poilitigs mu bhlàthachadh na cruinne, tha An Gabh an Saoghal Fhuarachadh? a’ faighneachd dè ’s urrainn dha saidheans a thabhann a thaobh fuasglaidhean prataigeach. Air fhaighinn bhon chraoladair Aimeireaganach PBS, tha am prògram aithriseach seo a’ coimhead gu h-eadar-nàiseanta gus faighinn a-mach ciamar a tha luchd-saidheans an t-saoghail ag obrachadh còmhla gus cur an-aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

• Thèid Eòrpa: An Deasbad | The Debate a chraoladh 28 Dàmhair aig 9f
• Thèid Uaine | Green (CBBC ALBA) a chraoladh o 12 Dàmhair aig 6.50f
• Thèid Mac ’S Uaine | MacSween goes Green a chraoladh air 2 Samhain aig 9f
• Thèid An Gabh An Saoghal Fhuarachadh? | Can we cool the planet? a chraoladh air 4 Samhain aig 10.30f

Bidh na prògraman seo uile ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là an dèidh an craoladh.