Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

A’ chiad chraoladh de fhilm tiamhaidh chloinne a’ cur crìoch air 2020

15 Dùbhlachd 2020

Sol - Remember the Light

Bheir Sol soillse don oidhche as duirche ann am bliadhna a bha air leth dorch

Tha am film beò-dhealbhachaidh – a mhaireas 28 mionaid agus a thèid a shealltainn air BBC ALBA ann an Alba – ag amas air sòlas a thoirt do theaghlaichean le clann òg, agus bliadhna cho doirbh ’s a th’ air a bhith ann ri ar linn a’ tighinn gu crìoch.

Tha Sol na fhilm air leth smaoineachail, a’ leantainn balach òg a’ strì ri call, agus thèid a shealltainn airson a’ chiad uair anns an RA agus Poblachd na h-Eireann air grian-stad a’ gheamhraidh, an oidhche as duirche sa bhliadhna, Diluain 21 Dùbhlachd.

Tha am film a’ leantainn balach, Sol, a dh’fhulaingeas call a sheanmhair chòir, agus a thèid fhàgail ann an dorchadas leis fhèin. Tha am film a’ toirt am follais na diofar dhòighean a thèid dèiligeadh ri call (clisgeadh, ionndrainn, tuathalachd agus fuasgladh) tro shùilean leanaibh.

Ach, tha togail ann an teachdaireachd Sol. Tha e ga chur, gu h-obann, an tòir an t-solais a th’ air smàladh às air feadh an t-saoghail, agus tha an turas dàna seo a’ toirt air aithneachadh gu bheil an gràdh a th’ aige dha sheanmhair nas làidir buileach na tha pian a chall.

Chaidh am film a chruthachadh mar ghoireas air a bheil cruaidh fheum, gus clann agus teaghlaichean a chuideachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri call, agus tha e gu sònraichte tiamhaidh is e a’ tighinn aig ceann bliadhna a th’ air a bhith cho duilich air feadh na dùthcha.

Thathas an dòchas gun toir an sgeulachd agus na caractaran air tidsearan, pàrantan agus clann òg bruidhinn mu mar as fheàrr a dhèiligeas sinn leis na faireachdainnean a nochdas an dèidh bàs neach-gaoil.

Le aithneachadh air an fheum a th’ aig film cho chuspaireil air feadh na dùthcha, tha iomadh chraoladair TBh air a thighinn còmhla gus Sol a chraoladh thairis air seachd diofar ùrlaran air an aon là.

Air a choimiseanadh le craoladairean ionadail o thùs, mar fhilm nan Cànanan Ceilteach anns a’ Chuimris, Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba, thèid a chraoladh cuideachd le fo-thiotalan Beurla, gus luchd-amhairc nàiseanta a tharraing.

Tha an seinneadair Gàidhlig agus a’ bhana-chleasaiche Anna Mhoireach a’ toirt guth do sheanmhair Sol (fhad ‘s a tha an cleasaiche Èireannach a choisinn duais Emmy, Fionnula Flanagan a’ dèanamh an dreach Beurla) agus an seinneadair Gàidhlig Ellen NicDhòmhnaill a’ toirt guth do mhàthair Sol.

Chaidh Sol a chruthachadh agus a riochdachadh leis a’ chompanaidh riochdachaidh TBh cloinne a tha stèidhte ann am Beul Feairste air a bheil Owl Films. Chaidh an tionndadh Gàidhlig a chruthachadh le Obh! Obh! Studios ann an Steòrnabhagh.

Thuirt Bill MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh aig MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha Sol dha-rìreabh a’ freagairt air an linn sa bheil sinn – ach tha e cuideachd a’ toirt aithne do sheann thraidisean Ceilteach, far a bheil atharrachadh nan ràithean agus tionndadh na bliadhna a’ sònrachadh brìgh dhomhainn. Tha mi cinnteach gun toir am prògram breagha, stòlda seo beagan sholais dhuinn uile.”

Thuirt Stiùiriche Chruthachail Paper Owl, Grainne McGuinnes: “Tha clann feumach, gu h-àraidh a-nis, air sgeulachdan làidir lèirsinneach a chumas taic riutha ann a bhith a’ dèiligeadh ri faireachdainnean nach aithne dhaibh, agus gus slighe air adhart a bhrosnachadh le soirbh-dhùil am pailt.”

Chaidh Sol a choimiseanadh le craoladairean Ceilteach TG4, S4C agus BBC ALBA, agus tha e ga roinn a-mach le Aardman. Fhuair e maoineachadh bho Mhaoin Shusbaint Luchd-amhairc Òg aig Institiud Film na Breatainn, agus bho Mhaoin Craolaidh Gàidhlig na h-Èireann agus Maoin Sgrìn aig Sgrìn Èirinn a Tuath. Chaidh an Albert Calculator agus teisteanas riochdachaidh so-sheasmhach a chleachdadh gus ceum-coise charboin an riochdachaidh a lùghdachadh.

Thuirt Ceannard Maoin Luchd-amhairc Òg aig a’ BhFI, Jackie Edwards: “Tha seo mu dheidhinn a bhith a’ cuimhneachadh, le gràdh air an fheadhainn a chaill sinn, le fios nach eil sinn nar n-aonar agus a bhith a’ brosnachadh theaghlaichean a bhith a’ bruidhinn mun cuid call. Tha fada cus chlann agus dhaoine òga a’ fulang le buaidh a bhith a’ call am bliadhna, agus mar sin bha sinn airson cothrom a chruthachadh stad agus smaointinn, agus gum faigh craoladairean poblach air a thighinn còmhla gus an fhilm sònraichte a co-chraoladh gu uimhir cho mòr ’s a ghabhas de na daoine òga san dùthaich seo, gus taic a thoirt dhaibh an cuid solas a lorg san dorchadas.”

Geàrr-Chunntas an Fhilm:

Tha Sol na bhalach òg a thèid fhàgail san dorchadas, an dèidh dha a sheanmhair, air an robh e cho measail, a chall. ’S e gaisgeach mì-dheònach a tha ann mun sgeulachd aige fhèin – air a chur air turas cudromach gus solas a thoirt air ais gu saoghal a tha a’ sìor fhàs dorcha.

Tha an turas aige ga thoirt tro thìr mòr farsaing a tha làn de chuimhneachain Nonee – dealbhan agus criomagan bho na clàran-deilbh aice air an trusadh còmhla. Gheibh e taic anns an t-saoghal seo, air a threòrachadh le Nonee na nighean bheag aig an toiseach, agus e an uair sin a’ tighinn tarsainn oirre aig diofar amannan na beatha.

Aig deireadh an turais, ruigidh Sol Seann Teampal an t-Solais san Ear, far a bheil a sheanmhair a’ feitheamh. Aithnichidh e gum faod e gabhail ri chuid fhaireachdainnean mu dheidhinn a call, oir tha an gràdh a th’ aige dhi fada nas treasa na tha pian a chall. Tuigidh e gun tàinig feabhas air an t-saoghal, air sàillibh gun robh a sheanmhair mar phàirt dheth, agus gum bi a cuimhne a chaoidh na phàirt dheth fhèin. Chan fhalbh gràdh a chaoidh.

Diluain 21 Dùbhlachd – Clàr craolaidh Sol:

18:30 BEÒ: S4C (anns a’ Chuimris), TG4 (ann an Gàidhlig na h-Èireann), BBC ALBA (ann an Gàidhlig na h-Alba)
19:30 BEÒ: CiTV (le fo-thiotalan Beurla)
19:30 Air-iarrtas: iTV Hub, All 4, My5 (le fo-thiotalan Beurla)