Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

FilmG ga chraoladh beò

5 Gearran 2016

THÈID DUAISEAN FILMG A CHRAOLADH BEÒ AIR-LOIDHNE AIRSON A’ CHIAD TURAIS

Thèid duaisean FilmG a chraoladh beò air làrach-lìn na co-fharpais (www.filmg.co.uk) bhon Old Fruitmarket ann an Glaschu, a leigeas le luchd-taic agus luchd-farpais nach eil an làthair coimhead air duaisean is dibhearsan na h-oidhche.

Cuiridh an craoladh beò ri duaisean FilmG, a bhios nas com-pàirteachail is nas co-obrachail na bha iad a-riamh roimhe, gu h-àraid leis gu bheil duaisean ann am-bliadhna airson Film Fòn-làimhe As Fheàrr, agus na roinnean ùra, Sgriobt As Fheàrr agus Dealbh-beò As Fheàrr.

Am-bliadhna thèid aig an luchd-èisteachd san talla agus luchd-amhairc air an t-sruth bheò air cur a-steach gu co-fharpais Instagram Gàidhlig air an oidhche.

Anns a’ chiad leth den chuirm, thèid iarraidh air an luchd-èisteachd san talla agus an luchd-amhairc aig an taigh an dealbh as èibhinn, as spòrsail agus as cruthachail a chur air Instagram fon chomharra #FilmG. Nì na britheamhan beachdachadh air na dealbhan eadar an dà leth is thèid dealbh a thaghadh a thèid ainmeachadh aig deireadh na h-oidhche – a choisneas camara GoPro.

Thuirt Flòraidh Forrest, manaidsear pròiseict FilmG: “Tha sinn uile air bhiorain agus an ochdamh cuirm FilmG air fàire agus tha e air leth math gun tèid againn air a’ chuirm a chraoladh beò air-loidhne airson a’ chiad turais am-bliadhna.

“Cha tèid aig a h-uile farpaiseach a bhith an làthair air an oidhche. Leigidh an craoladh beò leis na daoine seo agus luchd-taic FilmG, a bhios a’ cumail taic rinn air cùl gnothaich fad na bliadhna, a’ chuirm agus cò ghlèidheas na duaisean fhaicinn.

“Tha sinn cuideachd a’ dèanamh fiughair ris a’ cho-fharpais Instagram ùir. Tha sinn den bharail gur e dòigh mhath a bhios ann air daoine a phiobrachadh gus barrachd Gàidhlig a chur air na meadhanan sòisealta.

“Tha cuirmean FilmG air a bhith glè shoirbheachail air na meadhanan sòisealta thar nam bliadhnaichean le beagan taic bho Danny MacAsgaill a bh’ aig na duaisean an-uiridh agus a sgaoil tweets bhon chuirm. Tha sinn an dòchas gum bi a’ cho-fharpais Instagram a cheart cho soirbheachail, gu h-àraid am measg an luchd-amhairc ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.”

Bidh an còmhlan cliùiteach, The League of Highland Gentlemen, a choisinn duais Luchd-ciùil Ùr na Bliadhna aig na Trads, am measg na bhios air an àrd-ùrlar air an oidhche.

Lean Flòraidh oirre: “Tha sinn an dòchas gun cuir luchd-leantainn ùr eòlas air an stoidhle sgoinneil aca de cheòl traidiseanta air àrd-ùrlar an Old Fruitmarket.”