Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

BBC ALBA a’ gluasad suas an EPG

24 Màrt 2016

ÀIREAMHAN ÙRA AIG BBC ALBA AIR AN T-SIOSTAM IÙIL PHRÒGRAMAN (EPG)

EPG listings

Tha BBC ALBA dol a ghluasad suas an EPG air Sky, Freesat agus Freeview.

Gluasaidh BBC ALBA suas aon àite mar a leanas:

  • • Sky 142 – bho 31 Màrt (a cheana aig 143)
  • • Freesat 109 – bho 31 Màrt (a cheana aig 110)
  • • Freeview 7 – bho 5 Giblean (a cheana aig 8)

Fuirichidh BBC ALBA aig 161 air Virgin Media agus bidh e fhathast ri fhaighinn air BBC iPlayer.

Dh’fhaodadh gu feum cuid den luchd-amhairc na seanailean aca ùrachadh air an EPG aca mura tachair seo leis fhèin agus tha e neo-choltach gum bi buaidh air clàraidhean.

Bidh seanailean eile a’ BhBC cuideachd a’ gluasad, le BBC One HD a’ gluasad gu Sky 115 agus Freesat 106, BBC Two a’ gluasad gu Sky 141 agus Freesat 108 agus BBC Four a’ gluasad gu Sky 143 agus Freesat 110.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha BBC ALBA mean air mhean air a bhith a’ gluasad suas an EPG bho chaidh i air an èadhair ochd bliadhna air ais agus tha an t-seanail a-nis aig ìre àrd air gach ùrlar. Tha an gluasad seo suas an EPG a’ ciallachadh gu bheil an t-seanail agus a beartas phrògraman nas fhollaisiche do luchd-coimhid air feadh Alba”.

Tha BBC ALBA air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ tàladh luchd-amhairc le Gàidhlig agus iadsan aig nach eil a’ chànan, le prògraman aithriseach, prògraman ciùil agus tachartasan, a thuilleadh air spòrs, an lùib nan gnèithean air a bheil luchd-coimhid measail. Tha an t-seirbheis naidheachd làitheil le sgeulachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta cuideachd a’ tàladh dhaoine gu ruige na seanail.

Tha prògraman ùra ann an iomadh gnè leithid an dràma ùr Bannan, na prògraman chloinne Ceitidh Mòrag agus Ben & Hoilidh, prògraman spòrs ùra mar farpaisean crolaidh agus sligheadaireachd air a bhith a’ toirt toileachas don luchd-amhairc. Tha prògraman air an craoladh air an t-seanail cuideachd dhaibhsan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus aig a bheil ùidh ann an cànan agus dualchas nan Gàidheal.

Tha gnìomhachasan cruthachail Alba a’ faighinn buannachd bho obair craoladh Gàidhlig, le còrr is 22 companaidh a’ dèanamh phrògraman airson BBC ALBA.